World Community Grid

Chan eil seo ri fhaighinn ann an Gàidhlig ach tha sgioba Gàidhlig ann. Sa chiad dol a-mach, ’s mathaid gum bu chòir dhomh mìneachadh dè tha ann. ’S e sàbhalaiche-sgrìn a tha ann ach – mus briog thu air falbh – tha am fear seo caran eadar-dhealaichte. Cuiridh e gu feum cumhachd a’ choimpiutair agad (nuair a bhios e ’na thàmh) airson dèiligeadh ri pacaidean beaga a dhàta a chuireas taic ri pròiseactan feumail. Am measg nam pròiseactan a tha agus a bha ann, bha cothrom taic a chur ri rannsachadh aig oilthighean airson leigheas fhaighinn air AIDS, aillse, malaria agus tinneasan mar sin, dòighean ùra airson dealan a chruthachadh gun droch-bhuaidh air an àrainneachd agus iomadh pròiseact mar sin.

Tha cothrom ann sgioba a stèidheachadh agus pàirt a ghabhail ann an co-fharpaisean. Chan eil sna sgiobannan ach faoineas aotrom ach air an làimh eile, nach biodh a math nan cuireadh Lìonra nan Gàidheal ri slànachadh aillse?

Cha chosg e dad. Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus an sàbhalaiche-sgrìn an-seo agus is urrainn dhut pàirt a ghabhail san sgioba an-seo an uairsin. Chì mi ann sibh!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest