Toiseach tòiseachaidh

Tha diofar chuspairean bunasach san earrann seo, ceistean gu math cudromach a bhuaileas air daoine aig an fhìor-thoiseach, fiù mur eil iad air dad a stàladh. Rudan mar a bheil agam dad sònraichte a cheannach? no cà bheil stràc na mallachd ud air Mac?

’S fhiach e sùil a thoirt mun cuairt ma tha thu ùr-nodha do shaoghal na coimpiutaireachd Ghàidhlig.

Rinn sinn ar dìcheall an stiùireadh a thoirt seachad air dòigh a thuigeas duine sam bith – ach ma tha dad ro thoinnte, nach innis thu dhuinn? No ma tha rudeigin a dhìth ort an-seo (fhad ’s a bhuineas e do shaoghal na coimpiutaireachd agus a’ Ghàidhlig air dòigh air choireigin.

Pin It on Pinterest