A’ cumail taic rinn

Tha diofar dòighean air an urrainn dhut taic a chumail ri iGàidhlig

Sgaoil am facal

Ma bha an làrach againn gu feum dhut ’s tu a’ lorg bathar-bog Gàidhlig no stiùireadh mu dhèidhinn, cuidich leinn is sgaoil am facal. Cuir an ceangal www.igaidhlig.net gu do charaidean, do theaghlach is do cho-obraichean. No cuidich daoine eile le bhith a’ stàladh bathar-bog.

Tagh iGàidhlig mar an carthannas Amazon Smile (san Rìoghachd Aonaichte a-mhàin)

Ma bhios tu a’ ceannach rudan air Amazon co-dhiù, cha chosg e dad a bharrachd dhut taic a chumail rinn slighe Amazon Smile. ’S urrainn dhut iGàidhlig a chur ris le bhith a’ tadhal air a’ chunntas Amazon agad is “Amazon Smile” a lorg ann: Cuir àireamh a’ charthannais SC045374 ann no sgrìobh iGaidhlig sa bhogsa-luirg: Tagh iGàidhlig:

San ath-uinneag, cuir cromag ris an teachdaireachd a leanas: Ma rinn thu comharra-lìn de Amazon sa bhrabhsair agad, feumaidh tu an seòladh atharrachadh agus https://smile.amazon.co.uk a chur an àite www.amazon.co.uk, .com etc. Ma chì thu iGàidhlig fon bhogsa-luirg air Amazon, sin agad e:  

Pin It on Pinterest