Netvibes



Tha Netvibes ’na dheas-bhòrd foillseachaidh pearsanta. ’S ciall dha seo gun urrainn dhut iomadh seirbheis a chleachdas tu air an lìon a tharraing còmhla san aon àite. Can gu bheil thu air Twitter, Facebook, Gmail agus gu bheil thu a’ leantainn leth-dhusan inbhirean RSS. Cosgaidh e ùine tadhal air gach aon dhiubh an tòir nan naidheachdan as ùire. ’S urrainn dhut an toirt còmhla ge-tà agus cha bhi agad ach coimhead air aon àite an uairsin. Gu math goireasach ma tha thu plugte a-steach dhan mhatrix!

Chan eil e doirbh ri chleachdadh. Turas a bhios cunntas (nì am fear a tha an-asgaidh a’ chùis, tha cunntasan Premium aca air airgead ach mar is trice, cha bhi feum agad air, bheireadh sin dhut innealan anailis dàta ’s rudan mar sin) agad, clàraich a-steach is tadhail air na roghainnean agad, gu h-àrd air an làimh dheas:

Netvibes03

Briog air an earrann Languages an uairsin, tagh GĂ idhlig agus briog air Done:

Netvibes04

Sin agad e, tha furasta. ’S urrainn dhut diofar widgets a thaghadh a-nis a bheir dhut na naidheachdan, am post-d ’s iomadh rud eile ann.

Leave a Comments

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach