Geamaichean

Wordumz

Seo geama fhaclan eile. Tha e gu math spòrsail ’s chan eil e doirbh ri thuigsinn. Tha litrichean a’ tuiteam a-nuas agus tha agad ri faclan a chruthachadh leotha (nuair a choileanas tu facal, briog air DEARBH ’s ma tha am facal air a dheagh-litreachadh, thèid na litrichean ud air falbh). Mus tuit cus dhiubh. Car mar mheasgachadh de Wordtris agus Scrabble.

wordumz03

’S urrainn dhut na faclan a tha ’na lùib a rùrachadh cuideachd le brabhsair nam facal.

wordumz05

Agus tha gu leòr ann, tha cumhachd an Fhaclair Bhig sa gheama seo ’s cha mhòr 170,000 facal as urrainn dhut a chur ri chèile.

Tha e a’ cosg suim bheag ach bha obair ’na lùib, an dà chuid dhan fhear-dealbhaidh agus do mhuinntir an fhaclair agus chanainn-sa gum b’ fhiach e a phrìs – ’s e nas saoire na cofaidh!

Ri fhaighinn air Android (o Google Play) aig an àm seo ach tha tionndadh iOS a’ tighinn a dh’aithghearr cuideachd.

Facebook
Gabhaidh a chluich ann am Facebook cuideachd. Cha leig thu a leas ach tadhal air duilleag Wordumz air Facebook agus briogadh air Play Now on Facebook:

WordumzFB01

Gabhaidh a chluich ann an Gaeilge cuideachd:

WordumzFB02

Bidh e caran fada nuair a luchdaicheas tu e a’ chiad turas:

WordumzFB03

Ach luath rèidh an dèidh sin – agus tha clàr sgòran co-fharpaiseach ann a-nis cuideachd! Chì mi ann thu!

iOS
A’ tighinn a dh’aithghearr.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest