Dearbhadh-litreachaidh

An Dearbhair Beag

Tha an Dearbhair Beag ’na dhearbhair-litreachaidh a tha stèidhichte air stòr-dàta nam faclan a tha san Fhaclair Bheag agus is esan an dearbhair as motha a tha ri fhaighinn aig an àm seo. Tha an tionndadh làithreach dheth, 3.1, a’ ceartachadh barrachd air 1.5 millean facal Gàidhlig dhut.

Airson ’s gum bi seo cho goireasach ’s a ghabhas dhut, chaidh fhilleadh a-steach sna prògraman a leanas:

Leis a sin, bidh e sna prògraman sin o thùs ma gheibh thu greim air an tionndadh Ghàidhlig dheth. Ma tha an tionndadh Beurla dhiubh agad no ma chaidh rudeigin cearr air adhbhar air choireigin, gheibh thu iad an-seo:

Seo mar a dh’obraicheas e:

1. LibreOffice/OpenOffice

’S urrainn dhut a stiùireadh o bhàr nan inneal air a bheil dà ìomhaigheag ABC:

LibreOffice - An Dearbhair Beag

2. Firefox

Ma tha thu airson ’s gum bi an dearbhadh a’ dol o thùs fad na h-ùine, rach gu Innealan » Roghainnean » Roghainnean » Roghainnean adhartach » Coitcheann (an taba) agus cuir cromag ri Ceartachadh litreachaidh beò

3. Thunderbird

Ma tha thu airson ’s gum bi an dearbhadh a’ dol o thùs fad na h-ùine, rach gu Innealan » Roghainnean » Sgrìobhadh » Litreachadh (an taba) agus cuir cromag ri Ceartaich an litreachadh fhad ’s a bhios mi a’ sgrìobhadh

CÀBHA (Ceistean Àbhaisteach)

1. A bheil e a’ gèilleadh ri GOC?

Tha agus chan eil. Chan eil cinnt sam bith ann an saoghal an litreachaidh an-diugh agus beachdan làidir air dà thaobh na callaide. Cha robh sinn airson làmh a chur san deasbad seo agus fearg a chur air buidheann seach buidheann. Air sgàth sinn, chruthaich sinn dearbhair fosgailte. Tha sin a’ ciallachadh gun ceartaich an Dearbhair Beag mearachdan dhut a tha ’nam mearachdan gun teagamh sam bith (can mmòr). Ach tha làn-saoirse agad fhèin nòs litreachaidh a thaghadh. Mar sin dheth, chan fhaic thu loidhne dhearg fo mòr no mór oir tha an dà dhiubh “ceart”.

2. Nach dèan sibh fear dha Microsoft Office?

Mar a thuirt sinn am badeigin eile, tha sinn a’ feuchainn ri dearbhair a dhèanamh dha Microsoft Office ach chan urrainn dhuinn geall a thoirt idir cuin no ciamar aig an ìre-sa. Tha workaround no dha eile ann a dh’obraicheas air cuid a shiostaman san eadar-àm.

3. Ach chan eil mi ag iarraidh prògram a dh’atharraicheas an litreachadh agam

Air do shocair, cha dèan e sin. Bhiodh cuid a dhearbhairean mar sin ann o shean ach cha tachair sin leis an Dearbhair Bheag. Cha chuir e ach loidhne dhearg fo fhaclan a tha amharasach ’na shùilean agus leigidh e leat fhèin co-dhùnadh a bheil iad ceart no cearr.

4. A bheil e ag obair àite sam bith eile?

Tha, prògram sam bith a bheir taic dha Hunspell (sin an t-einnsean a tha an Dearbhair Beag a’ cleachdadh, am fear as cumanta ann am bathar-bog le còd fosgailte). Tha e ag obair am broinn na leanas cuideachd, mar eisimpleir:

Tha liosta nas motha air an Uicipeid.

5. Chan fhaic mi e ged a tha Firefox agamTha bathar-bog caran neònach uaireannan, tha mi duilich. Ach tha seo furasta. Tadhail air làrach nan leudachan aig Mozilla agus briog air Add to Firefox:

dearbhair-beag05

Innis dha gu bheil thu cinnteach (tha e sàbhailte, air m’ fhacal):

dearbhair-beag06

Nise, sgrìobh facal cearr am badeigin ann am Firefox, can bàr nan lorg aig Google agus dèan briogadh deas (no ctrl agus briogadh ann am Mac OSX) agus tagh Ceartaich an litreachadh (agus an cànan):

dearbhair-beag07

Ma nì thu briogadh deas air facal sam bith fon a bheil an loidhne dhearg, gheibh thu na ceartachaidhean a mholadh an Dearbhair Beag:

dearbhair-beag08

Sin agad e.

3 thoughts on “An Dearbhair Beag

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest