WordPress.org

’S urrainn dhut blogaichean a chruthachadh le WordPress.org. Thoir an aire, tha WordPress.org agus WordPress.com ann agus tha diofar eatarra. Seo am fear a dh’fheumas tu stàladh air an òstair agad thu fhèin. Àidh, tha seo caran tro chèile…

  • mur eil fhios agad dè tha ann an òstair-lìn ’s mur eil thu ag iarraidh dìreach bloga, gun fheum air stàladh no sgoil-dhubh sam bith, ’s e bloga WordPress.com a tha a dhìth ort. Thoir an aire gu bheil seo saor an-asgaidh ach, leis nach eil dad ann a tha buileach an-asgaidh, gum faic thu beagan sanasachd ’na lùib
  • ma tha fhios agad dè tha ann an òstair-lìn agus gu bheil fear dhiubh seo agad agus dè am facal-faire agad ann is tu airson a stàladh thu fhèin ’s air an òstaireachd agad-sa gun luaidh air sanasachd, ’s e WordPress.org a tha a dhìth ort

Gheibh thu a’ phacaid stàlaidh an-seo. Ma dh’èireas ceist sam bith co-cheangailte ris an eadar-theangachadh ann, leig fios, no dad a thaobh cànain nach eil ag obair buileach. Ach mas e duilgheadas teicnigeach a tha agad leis an stàladh no le WordPress san fharsaingeachd, gheibh thu an taic as fhearr o mhuinntir WordPress iad fhèin an-seo.

Ma bha WordPress agad ann am Beurla roimhe ’s ma tha thu airson Gàidhlig a chleachdadh a-nis ’na h-àite, àrdaich gun tionndadh as ùire an toiseach. A-rèir cànan a’ bhrabhsair agad no an t-siostaim obrachaidh, tha teans gun nochd e ann an Gàidhlig leis fhèin. Ma bhios e ann am Beurla fhathast, thoir sùil air Users » Your Profile » Admin language an toiseach:

WPorg01

Na dìochuimhnich Update Profile a bhriogadh aig a’ bhonn an uairsin:

WPorg02

Mur eil buaidh aige sin, thoir sùil air Settings » General » Site Language is feuch a bheil Gàidhlig ann:

WPorg03

Mur an nochd a’ Ghàidhlig fhathast, tha teans nach robh WordPress a’ tuigsinn gu bheil Gàidhlig agad ’s gu bheil thu ’ga h-iarraidh. Ma thachras sin, faigh a’ phacaid Ghàidhlig, fosgail e ’s dèan lethbhreac dhe na faidhlichean po agus mo agus cuir sa phasgan cheart (../wp-content/languages/) e air an òstair agad. Thoir an aire gu bheil feadhainn ann an plugins is templates cuideachd:

WPorg04

No stàlaich a’ phacaid air fad de làimh (gheibh thu stiùireadh o WordPress d’ a thaobh-sa). No mur eil gin dhiubh seo ag obair, iarr taic air WordPress.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest