WordPress.com



AndroidChromeFirefoxInternet ExplorerOperaSafari

’S urrainn dhut blogaichean a chruthachadh air WordPress.com. Thoir an aire, tha WordPress.com agus WordPress.org ann agus tha diofar eatarra. Seo am fear a bheir dhut “dĂŹreach bloga” mur eil thu airson a stĂ ladh air an òstair agad fhèin. Àidh, tha seo caran tro chèile…

  • mur eil fhios agad dè tha ann an òstair-lĂŹn ’s mur eil thu ag iarraidh dĂŹreach bloga, gun fheum air stĂ ladh no sgoil-dhubh sam bith, ’s e bloga WordPress.com a tha a dhĂŹth ort. Thoir an aire gu bheil seo saor an-asgaidh ach, leis nach eil dad ann a tha buileach an-asgaidh, gum faic thu beagan sanasachd ’na lĂšib
  • ma tha fhios agad dè tha ann an òstair-lĂŹn agus gu bheil fear dhiubh seo agad agus dè am facal-faire agad ann is tu airson a stĂ ladh thu fhèin ’s air an òstaireachd agad-sa gun luaidh air sanasachd, ’s e WordPress.org a tha a dhĂŹth ort

Chan eil e doirbh clĂ radh ann – tadhail air an duilleag seo ’s lean ris an stiĂšireadh.

Android
An dèidh dhuinn coiteachadh fad bliadhna gu leth, chuir WordPress cothrom dhan luchd-chleachdaidh cànan a thaghadh sna roghainnean. Tha e furasta. Turas a bhios WordPress agad, fosgail an aplacaid, thoir gnogag air taba nan Accounts agus Account Settings:

WP-Android00

Agus fosgail Language an uairsin:

WP-Android02

Agus tagh Scottish Gaelic (gd):

WP-Android03

Agus sin agad e. Tha Beurla a’ nochdadh an-siud ’s an-seo fhathast ach cuiridh sinn Gàidhlig air a dh’aithghearr (cha robh cabhag roimhe ’s na cànain bheaga am falach gu tur):

WP-Android04

iOS
Tha WordPress ag obair air gleus mar seo airson iOS cuideachd. Cumaibh cluas ri claisneachd!

CÀBHA (Ceistean Àbhaisteach)

1. Tha bloga agam mu thrĂ th!

Ma tha bloga air WordPress.com agad mu thrĂ th, tha e furasta – cha leig thu leas ach tadhal air Users  Personal Settings agus GĂ idhlig a thaghadh ann. No ma tha sin ro dhĂŹomhair, tha ceangal ann fo Settings  General “You can also modify the interface language in your profile”. Na dĂŹochuimhnich briogadh air Save Changes an uairsin!

Ma tha fear agad am badeigin eile ’s airson a ghluasad gu WordPress, can o Blogspot, gabhaidh sin a dhèanamh cuideachd. Clàraich airson cunntas ùr air WordPress.com an toiseach agus faighnichidh e dhìot a bheil thu airson fear ion-phortadh gus nach eil.

2.Dè mu dhèidhinn Windows Phone?
Chan eil WordPress ag obair air aplacaid Windows Phone aig an Ă m seo, chan eil fhios againn carson. Duilich!

Leave a Comments

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach