Teacsa ’na chainnt – Guth Cheitidh

Tha gleus ri làimh a-nis a leughas teacsaichean digiteach os àrd – ann an Gàidhlig. ’S e gleus teacsa ’na chainnt a chanar ris (Text To Speech no TTS gu goirid). Tha seo gu sònraichte feumail do dhaoine a tha dall (slighe leughadairean-sgrìn mar eisimpleir) no ach cuideachd do mhòran eile, can luchd-ionnsachaidh no ma tha leughadh na Gàidhlig doirbh air cuideigin air adhbhar air choireigin. Mus dèid sinn nas fhaide, seo dhut ball-eisimpleir dhith.

Leis gun d’fhuair am pròiseact seo leth-mhaoineachadh poblach (Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle-maoineachaidh na h-Alba agus Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba), tha an guth an-asgaidh:

  • do bhuidhnean poblach
  • do sgoiltean is oilthighean ann an Alba
  • clann-sgoile aig an taigh

is feadhainn eile. Gheibhear liosta shlàn air làrach-lìn CALL Scotland (far a bheil foirm tagraidh airson a’ ghutha chuideachd). Ach fiù mur eil thu ag obair ann an àite mar sin no thall thairis, ’s urrainn dhut ceadachas a cheannach air a shon nach cosg an saoghal, £24.99 (le VAT ’na bhroinn; $37.41/€35.34) a-mhàin airson cleachdadh aig an taigh.

Chaidh a dhealbhadh eadar companaidh ann an Dùn Èideann a tha sàr-eòlach air a leithid a ghnothach ann an com-pàirteachas le iGàidhlig agus thèid a shìor-leasachadh leis an dà bhuidheann seo.

An urrainn dhomh fheuchainn mus ceannaich mi i?

’S urrainn. Tadhail air làrach Cereproc, tagh Ceitidh, sgrìobh rudeigin is brùth Play.

ceitidh-larach

Càit am faigh mi e?

Leughadairean-sgrìn

Cha robh cothrom againn fiosrachadh mar a dh’obraicheas an guth ann an leughadair-sgrìn ceum air cheum ach ’s e guth stannardach a tha ann agus ma tha leughadair-sgrìn agad mu thràth agus ma stàlaicheas tu guth Cheitidh, bu chòir dhi obrachadh mar bu chòir leis fhèin.

Windows

Turas a fhuair thu an guth fo cheadachas o ChALL Scotland air no o Cereproc, feumaidh tu prògram air choireigin a stàladh a làimhsicheas guthan. Rud mar leughadair-sgrìn ach chan eil feum aig a h-uile duine air a leithid. Dh’fhaoidte nach eil thu ag iarraidh ach prògram a leughas pìosan Gàidhlig on eadar-lìon dhut no post-d a fhuair thu.

Ma tha fear agad mu thràth, bidh fios agad fhèin dè nì thu. Ach mur eil, mholamaid Balabolka, prògram a tha an dà chuid fìor-mhath agus saor an-asgaidh. Gheibh thu an-seo e. Stàlaich am prògram agus an uairsin an guth – ’s faidhle .exe a tha ann agus cha leig thu leas ach a chur gu dol is nì e an corr.

Fosgail Balabolka. Chì thu sgrìn mar seo agus raon mòr bàn – cuir Gàidhlig ann, sgrìobh rud no dèan lethbhreac de rud is cuir ann e is briog air a’ phutan uaine gus a chluich:

Balabolka

Sin agad e.

An aire:

  • Chan e dearbhair-litreachaidh a tha seo. Ma chuireas tu ann rudeigin sa bheil mearachdan litreachaidh, canaidh Ceitidh dìreach mar sin e.
  • Chan eil e idir fa-near dhuinn a chur ’nur sùilean gur e seo ghleus a thig an àite mac an duine. ’S e a’ Ghàidhlig o bhilean mac an duine an rud as fhearr fhathast. Ach faodaidh an guth seo do chuideachadh ann an grunn shuidheachaidhean. ’S e gleus taice a tha ann.

Mac OSX

Obraichidh an guth air Mac OSX ach cha do dh’fheuch mi e gu ruige seo ach feuchaidh a dh’aithghearr.

Android

B’ fheudar dhuinn guth “Beurla” a thoirt air ach tha Ceitidh ag obair air Android cuideachd.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest