Teicneolas-taice

Meur-chlàr dhan chlò Ghàidhealach

Tha fhios nach eil mòran ’ga chur gu feum ach fhuair sinn iarrtas agus leis gur sinne bodaich-theicneolais na Nollaig…

’S e meur-chlàr a tha ann a bheir dhut comas air na litrichean sònraichte sa chlò Ghàidhealach ann am Windows, gun a bhith bualadh air Special Character » Insert fad na h-ùine.

Bidh feum air cruth-clò Gàidhealach fhathast airson ’s gum bi an dreach ceart air na litrichean ach tha am meur-chlàr seo stèidhichte air na co-chomharran Unicode agus leis a sin, fiù mur eil an cruth-clò ceart aig cuideigin eile, chan fhaigh iad brochan ach dìreach dreach eile air na litrichean no ’s dòcha bogsaichean. Mar eisimpleir, chleachd sinne Bunchló GC ach fiù ann an Tahoma, tha iad ceart fhathast:

clo01

Feumaidh tu cruth-clò sa chlò Ghàidhealach an toiseach a tha stèidhichte air Unicode. Mholamaid Bunchló GC ach tha mòran dhe na clòthan eile air làrach Gaelchló iomchaidh cuideachd. No fiù feadhainn eile ach chan urrainn dhuinn a ràdh le cinnt.

Stàlaich sin an toiseach. Feumaidh tu an zip seo an uairsin. Dèan unzip agus chì thu pasgan air a bheil cg. Fosgail sin is ’na bhroinn, chì thu faidhle air a bheil setup.exe. Dèan briogadh dùbailte air agus stàlaichidh sin a’ cho-dhealbhachd ùr.

Leis mar a tha sin ag obair air Windows, b’ fheudar dhuinn innse dè an “cànan” is “dùthaich” a tha ann – thagh sinn Gaeilge – Èirinn air a shon oir tha e stèidhichte air meur-chlàr na h-Èireann.

Nise, mur eil meur-chlàr na h-Èireann stàlaichte agad mu thràth, feumaidh tu sin a dhèanamh an toiseach. Tha sin eadar-dhealaichte a-rèir dè Windows a tha agad. Air Windows 10 (air siostaman nas sine na Windows 8, feuch an duilleag seo – bidh e car mar sin), briog air còd an locale gu h-ìosal air an sgrìn:

clo03

Briog air na roghainnean cànain (ge be dè an cànan a tha aig a’ Windows agad fhèin) agus cuir ris Irish mar chànan:

clo04

Turas a rinn thu sin, ath-thòisich am PC agad. Bidh am meur-chlàr ùr ri fhaicinn a-nis, am fear air a bheil Clò Gàidhealach:

clo05

Mur eil thu ’ga iarraidh, ’s urrainn dhut Irish-Irish (GLE-GA) a thoirt air falbh. Bha feum againn air an toiseach (neònachas Windows, na faighnich) ach chan eil tuilleadh. Briog air na roghainnean cànain a-rithist, Irish agus Roghainnean:

clo06

Tagh Irish (Qwerty) is thoir air falbh e:

clo07

Nise… on a tha Windows deiseil is deònach mu dheireadh thall, fosgail LibreOffice no Word (no dad mar sin, chan eil e gu diofar, obraichidh seo fiù sa bhrabhsair agad).

Gheibh thu na litrichean mar seo:

AltGr + aeiou = áéíóú

` (clì air 1) + aeiou = àèìòù (tha iad seo dìreach mar a tha iad air meur-chlàr na h-Èireann)

AltGr + bcdfgmqst = ḃċḋḟġṁṗṡṫ (tha ṗ air q gus còmhstri a sheachnadh le ath-ghoiridean an t-siostaim)

AltGr + 7890 = ⁊ɼſẛ

Agus na litrichean mòra air

AltGr + Shift + bcdfgmqst = ḂĊḊḞĠṀṖṠṪ

Ma nì thu sin ann am prògram far an urrainn dhut innse dè an cruth-clò a tha thu ag iarraidh, bidh iad snasail mar anns na dealbhan gu h-àrd.

Sin agad e. Gu ìre, ’s deuchainn a tha seo (ged a chuir sinn fo dheuchainn e sinn fhìn) – ma tha duilgheadasan agaibh-se, nach innis sibh dhuinn?

Mur eil an dòigh sin (slighe AltGr) a’ còrdadh riut, tha dòigh eile ann, sin am meur-chlàr a rinn na gaisgich aig Gaelchló agus a gheibhear an-seo. Tha am fear eile seo a’ cleachdadh co-iuchraichean, mar eisimpleir #C airson Ċ.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest