reddit

Tha reddit letheach slighe eadar lìonra sòisealta agus seirbheis naidheachdan far an urrainn do dhaoine (na redditairean) stuth a phostadh, can naidheachd no ceangal ri duilleag air a bheil naidheachd. A-rèir mar a bhòtas càch orra, thèid iad an àirde an uairsin is fàsaidh iad nas fhollaisiche air an duilleag mhòr – no crìonaidh iad air falbh.

Chan eil e doirbh Gàidhlig a chur air as dèidh dhut cunntas a chruthachadh. Cha leig thu leas ach na leanas a dhèanamh:

Briog air preferences gu h-àrd air an taobh deas:

reddit01

Far a bheil e ag ràdh interface language, tagh Gàidhlig (gd):

reddit02

Nise, far a bheil e ag ràdh content language, is urrainn dhut barrachd air aon chànan a thaghadh. Innsidh sin dha reddit dè na cànain anns am bi thu a’ sgrìobhadh rudan ann. Gabhaidh seo atharrachadh uair sam bith:

reddit03

Agus aig bonn na duilleige, briog air Save:

reddit05

Agus sin agad e!

Ò, agus ma tha thu ann an imcheist a thaobh a’ phìos neònach ud a tha a’ tòiseachadh le is acher in gaíth in-nocht seo dhut am fuasgladh.

Ma chleachdas tu brabhsair Gàidhlig (mar Firefox, Opera no Internet Explorer) nochdaidh reddit ann an Gàidhlig air làraichean eile (seachd reddit fhèin cuideachd), mar eisimpleir an-seo air làrach Al Jazeera:

reddit12

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest