Innealan do luchd-leasachaidh

TinyMCE

Tha TinyMCE ’na ghleus deasachaidh WYSIWYG (stèidhichte air JavaScript) a tha neo-eisimeileach on ùrar air a bheilear. Tha an còd aige fosgailte (fo LGPL) a bharrachd air sin.

’S e rud feumail a tha ann airson cothrom a thoirt do dhaoine nach urrainn dhaibh sgrìobhadh ann an HTML rudan a sgrìobhadh ’s a dheasachadh ann am brabhsair-lìn agus nì TinyMCE HTML glan dheth an uairsin. Bheir e dhut rud a tha gu math coltach ris na dealbhagan deasachaidh ann an LibreOffice no Microsoft Office.

Tha stiùireadh air làrach TinyMCE a dh’innseas dhut mar a shuidhicheas tu cànan TinyMCE dhan luchd-deasachaidh ach seo dhut e gu goirid. Aig barr duilleag na làraich, sa chòd fhèin, feumaidh tu gd a chur san loidhne language:

tinymce.init({
mode: “textareas”,
plugins: “autosave advlist lists table code image preview visualblocks \
visualchars charmap paste searchreplace wordcount textcolor print link \
template fullpage contextmenu”,
language: “gd”,
Agus sin agad e.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest