Pingus

’S e geama coimpiutair a tha ann am Pingus sa bheilear a’ fuasgladh thòimhseachain is tu a’ stiùireadh cinn-fhionn dhan doras a-mach is iomadh cnap-starra san rathad orra. ’S urrainn dhut diofar comasan a thoirt dhaibh, can leum no togail dhrochaidean, ach am faigh iad thairis orra gu sàbhailte. Car coltach ri Lemmings, ma tha cuimhne agad orra. Seo blasad dheth dhut:

Tha an geama seo an-asgaidh.

Ciamar a stàlaicheas mi e?

1. Luchdaich an geama a-nuas o làrach-lìn Phingus is stàlaich e.
2. Faigh greim air an fhaidhle chànain seo is fosgail e. Bheir seo faidhle dhut air a bheil gd.po.
3. Faigh lorg air a’ phasgan far an deach an geama a stàladh, m.e. C:\Program Files (x86)\Pingus\ air Windows 7. Cuir lethbhreac dhen gd.po dhan phasgan dàta \po\, m.e. C:\Program Files (x86)\Pingus\data\po\ air Windows 7.
4. Tòisich an geama is dèan briogadh air Options:

pingus-main

5. Dèan briogadh air ainm a’ chànain air taobh deas na sgrìn gus an nochd Gaelic Scots. Dèan briogadh air Dùin is an uairsin fàg an geama:

pingus-options

Tòisich an geama a-rithist is bidh e sa Ghàidhlig a-nis. Gus ionnsachadh mar a stiùiricheas tu na cinn-fhionn, feuch Sgeulachd. Seo far a bheil oideachadh a’ gheama.

Duilich gu bheil seo car toinnte, bidh e nas fhasa nuair a gheibh sinn release ceart!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest