Frogatto & Friends

’S e geama jump ’n run 2D air nòs arcade clasaigeach a th’ ann am Frogatto is e ’na losgann quixotach. Chaidh a dhèanamh leis an aon sgioba a thug Strì Bheasnaid dhuinn is chaidh an obair-ealain shnasail a chruthachadh a làimh is le gaol san aon dòigh. Bidh thu a’ stiùireadh Frogatto tron gheama ’s a chuid driod-fhortain.

Gheibh thu an geama an-seo. Tha e saor fheuchainn ach feumaidh tu beagan airgid a chosg ma tha thu ag iarraidh a’ gheama shlàin ach chan eil e daor idir agus is airidh an t-oide a thuarastal, mar a chanas iad.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest