LibreOffice



LinuxMacWindows

’S e sreath de phrògraman oifis a tha seo, gu math coltach ri Microsoft Office ach tha am fear seo saor an-asgaidh agus ann an Gàidhlig. Bheir e dhut na prògraman a leanas:

  • Writer (airson sgrĂŹobhainnean teacsa, gu math coltach ri Microsoft Word)
  • Calc (airson cliath-dhuilleagan, gu math coltach ri Microsoft Excel)
  • Impress (airson taisbeanaidhean, gu math coltach ri Microsoft PowerPoint)
  • Math (airson foirmlean matamataig)
  • Draw (prògram grafaigeachd)
  • Base (airson stòir-dhĂ ta, gu math coltach ri Microsoft Access)

Obraichidh e air Windows, Mac agus Linux agus tha dearbhairean Gàidhlig ri am faighinn air a shon cuideachd. Ma bha thu eòlach air OpenOffice roimhe, bidh e fìor fhurasta dhut LibreOffice a chleachdadh oir tha iad stèidhichte air an dearbh chòd. Chaidh am pròiseact seo a stèidheachadh nuair a dh’èirich còmhstri eadar Oracle (aig an robh OpenOffice) agus a’ choimhearsnachd ’s i dhen bheachd gun robh Oracle a’ cur dàil is bacadh air leasachadh OpenOffice agus tha leasachadh LibreOffice a’ dol air adhart aig dearg astar gun teagamh.

Chan eil sin ri ràdh nach urrainn dhut fòrmatan Microsoft Office (mar .doc no .xls) a chleachdadh tuilleadh. Tha LibreOffice comasach air faidhlichean Microsoft Office fhosgladh agus gabhaidh an sàbhaladh ann cuideachd:

LibreOffice - SĂ bhail mar/Save as

An-dĂ , tha aon rud ann san stĂ ladh a tha beagan gòrach. Chan eil ann ach an aon fhaidhle stĂ ladh airson a h-uile cĂ nan (… prògramairean… ann an saoghal eile) agus feumaidh tu innse dha, fhad ’s a bhios tu ’ga stĂ ladh, gur e GĂ idhlig a tha a dhĂŹth ort. Chan eil e doirbh ach feumaidh fios a bhith agad. Tha rud no dhĂ  (faic bonn na duilleige) a bu chòir dhut a chur air gleus ann, is dòcha.

Tha an stĂ ladh beagan eadar-dhealaichte air na 3 siostaman-obrachaidh:

1. Windows

Feumaidh tu an install_multi as Ăšire an toiseach:
LibreOffice-00
Cuir gu dol am faidhle agus tha gach rud soilleir gu leòr gus an ruig thu an sgrÏn seo (ma gheibh thu mearachd 1303 aig an Ïre seo, faic an stiÚireadh aig deireadh na h-earrainn seo):
LibreOffice-01

Feumaidh tu Custom a thaghadh, air neo bidh gach rud sa Bheurla a-mhàin. ChÏ sibh Additional language packs aig bun an ath-sgrÏn, dèan briogadh air:
LibreOffice-02
Agus innis dhan phrògram gu bheil thu ag iarraidh Gàidhlig. Dèan cinnteach gu bheil e a’ coimhead mar seo:

LO06

Agus thoir an aire, a-rèir cĂ nan an stĂ laicheir, faodaidh gun nochd a’ GhĂ idhlig ann an diofar Ă itichean a-rèir an eadar-theangachaidh – mar eisimpleir, tha i fo Schottisch-Gälisch sa Ghearmailtis ach fo GaĂŠlique ĂŠcossais san Fhraingis.

’S urrainn dhut am prògram a stàladh ann an iomadh cànan, mar eisimpleir, Gàidhlig is Beurla agus ma nì thu sin, bidh cothrom agad leumadh eadar an dà chànan slighe Tools » Options » Language Settings » Languages. Mur eil Gàidhlig a’ nochdadh sa bhad, tadhail air User Interface » Locale Settings agus tagh Gàidhlig mar Default Language. Mar seo:
LibreOffice-05

Dh’fhaoidte gum bi agad am PC ath-thòiseachadh aig an ìre-sa. Tha dearbhair-litreachaidh am broinn a’ phrògraim o thùs agus cha leig thu leas a stàladh thu fhèin. Mur eil e ann air adhbhar neònach air choireigin, gheibh thu air an LibreOffice Extension Site e.

Nise, gheibh thu am faidhle a stĂ laicheas e dhut an-seo.

Mearachd 1303

Tha Windows 8 agus Windows 8.1 car neònach a thaobh cheadan – fiĂš mas e cunntas rianaire a tha agad. Dh’fhaoidte gum faic thu na leanas:

Error 1303. The installer has insufficient privileges to access this directory…

Tha dòigh thoinnte ann seo a chur ceart is tu a’ gleusadh ceadan nam pasgan fo C:\Program Files ach tha dòigh buileach nas fhasa ann. Nuair a dh’fhaighnicheas Windows cĂ it an stĂ laich e LibreOffice, na leig leis a chur ann an C:\Program Files ach iarr air a stĂ ladh ann am pasgan Ăšr, mar eisimpleir C:\Programan – cha dèan sin cron sam bith agus seachnaidh tu a’ mhearachd neònach seo. Cha tusa an aon duine a tha a’ smaoineachadh gur e ‘mearachd’ annasach a tha seo a chuireas bacadh air co-fharpaiseach…

2. OSX

Air Mac, faigh an install_en-US.dmg:

LO07

agus munntaig e:

LO08

Bheir sin dhut LibreOffice ann am Beurla. An uairsin, faigh an langpack_gd.dmg agus munntaig sin cuideachd:

LO10

Tòisich LibreOffice agus briog air LibreOffice  Preferences  Language  Settings  Languages agus tagh Gaelic (Scottish) airson User Interface, Locale Setting agus Default languages for documents:

LO11

Briog OK agus tòisich LibreOffice as Úr is bidh e sa Ghàidhlig.

Nuair a bhios tu ri àrdachadh LibreOffice air Mac, gheibh thu a’ cheist seo agus mholamaid dhut briogadh air Replace:

Screen Shot 2014-08-08 at 16.47.01

3. Ubuntu/Linux

Tha LibreOffice stàlaichte air Ubuntu o thùs agus ma thagh thu Gàidhlig mar an locale agad (i.e. an cànan as fhearr leat airson prògraman), bidh e agad sa Ghàidhlig mu thràth. Ma rinn thu àrdachadh ’s ma tha e ann am Beurla gu h-obann, gheibh thu stiùireadh aig bonn na duilleige seo a dh’innseas dhut mar a thilleas tu a’ Ghàidhlig ann.

Sgrìobhaidh sinn an stiùireadh airson tionndaidhean eile (no distros mar a chanas iad riutha) de Linux cho luath ’s a bhios mionaid againn ach ma tha thu air siostam mar sin, tha deagh-theans gu bheil deagh-fhios agam mu thràth mar a gheibh thu sin!

Dearbhair-litreachaidh airson Beurla Bhreatainn?

Gheibhear an dearbhair airson Beurla nan Stàitean Aonaichte a ghnàth an cois LibreOffice (agus OpenOffice) ach tha faclair airson Beurla Bhreatainn ri làimh cuideachd air làrach nan leudachan aig LibreOffice. Gheibh thu an-seo e ach an aire gum briog thu air a’ cheangal cheart oir tha fear airson Beurla Astràilia agus Beurla Chanada ann cuideachd:

LibreOffice-BE

Tha e a’ sìor-atharrachadh cànan na sgrìobhainne!!!

Seadh… ’s e feature a chanas an luchd-leasachaidh ri seo. Ach na gabh dragh, ged a nĂŹ iad rudan neònach o Ă m gu Ă m, tha muinntir LibreOffice deònach an-còmhnaidh a chur air gleus.

Bidh e a’ sìor-atharrachadh a’ chànan ri linn a’ mheur-chlàir agad. Can gu bheil meur-chlàr Fraingis agad, Windows ann am Beurla agus LibreOffice ann an Gàidhlig. Leis gu bheil meur-chlàr Fraingis agad, bidh LibreOffice dhen bheachd gu bheil thu, gu nàdarra, airson rud a sgrìobhadh ann am Fraingis.

Gus seo a chur ceart, tadhail air Innealan Âť Roghainnean Âť Roghainnean cĂ nain Âť CĂ nain agus cuir cromag ri Leig seachad cĂ nan ion-chur an t-siostaim:

lo12

Fhad ’s a bhios tu an-seo, ma bhios tu a’ sgrìobhadh ann an cànan eile seach cànan LibreOffice a ghnàth, ’s urrainn dhut an cànan bunaiteach aige atharrachadh an-seo cuideachd fo An cànan bunaiteach airson sgrìobhainnean:

lo13

Co-dhiù no co-aige, ma tha thu airson cànan na sgrìobhainn, na duilleige no na h-earrainn atharrachadh, briog air a’ chànan làithreach aig bonn na duilleige (dh’fhaoidte gum bi agad a dhol slighe Barrachd mur eil an cànan a tha a dhìth a’ nochdadh sa bhad):

lo14

Ach sin agad e!

Leave a Comments

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach