Adaptxt



AndroidMac

 

Tha Adaptxt ’na ghleus airson teacsadh ro-innseach (’s e sin predictive texting) sa Ghàidhlig (agus, eadar dà sgeul Gaeilge agus Gaelg cuideachd). Tha e saor an-asgaidh a bharrachd air sin is ri fhaighinn air fònaichean is tablaidean, an dà chuir Android agus iOS.

Android

Tha e furasta gu leòr a stàladh o Google Play e fhèin ach ma tha thu ag iarraidh beagan stiÚiridh, seo dhut. Fosgail Google Play air an fhòn agad agus dèan lorg airson Adaptxt:
gd02
Feumaidh tu an Adaptxt Keyboard sa chiad dol a-mach. Thoir gnogag air Install:
gd03
agus leig leis stĂ ladh
gd04
Tha agad ri fhosgladh an uairsin:
gd05

Agus gnogag air Accept:
gd06
Agus Setup an uairsin:
gd07

Feumaidh tu aon chànan a luchdadh a-nuas (aig an Ïre-sa, bidh cothrom air barrachd as a dhèidh seo):

Adaptxt-ur-01

Tagh cĂ nan, can GĂ idhlig:

Adaptxt-ur-02

Chan fhaod thu ach aonan a stĂ ladh aig an ĂŹre-sa ach glacaidh foighidinn iasg!

Adaptxt-ur-03

Nise, feumaidh tu innse dhan fhòn agad gu bheil thu ag iarraidh Adaptxt seach an sgudal leis an dàinig e:

Adaptxt-ur-04
Gluais am putan a tha ag rĂ dh Off:

Adaptxt-ur-06

Ach an can e On:

Adaptxt-ur-07

Cha mhòr deiseil, briog air Finish:
Adaptxt-ur-08

Ma tha thu ag iarraidh barrachd chĂ nan, can Beurla agus Fraingis, tha sin furasta (agus cha chosg iad dad a bharrachd). Briog air Adaptxt Store:

Adaptxt-ur-09

Agus tagh na cĂ nain a tha a dhĂŹth ort, a bharrachd air GĂ idhlig. Mar eisimpleir, tha Gaeilge agus Gaelg ri lĂ imh cuideachd:

Adaptxt-ur-10

Ma chaidh thu seachad air a’ cheum seo, na gabh dragh. Dèan lorg air an t-suaicheantas aig Adaptxt (chan urra dhomh innse dhut càit am bi sin, tha sin a’ crochadh air an fhòn agad) agus chì thu an dearbh sgrìn an uairsin.
gd16

Sgrolaich sĂŹos agus chĂŹ thu liosta nan cĂ nan.

iOS (iPhone/iPad)

Dh’fhosgail iOS a dhorsan do dh’aplacaidean mar Adaptxt san t-Sultain 2014 agus ri linn sin, gabhaidh a stàladh o iTunes. Feumaidh sibh iOS 8 mus obraich e ge-tà. Chan eil seo doirbh ach seo dhut stiùireadh ceum air cheum air eagal ’s nach do rinn thu rud mar seo roimhe:

Faigh Adaptxt bhon App Store agus fosgail e.

iOS-Adaptxt-01

Ruigidh tu an sgrĂŹn seo an uairsin. Briog air Settings:

iOS-Adaptxt-02

An uairsin General:

iOS-Adaptxt-03

An uairsin Keyboard:

iOS-Adaptxt-04

Is Keyboards:

iOS-Adaptxt-05

Nise, Add New Keyboard…:

iOS-Adaptxt-06

Tagh Adaptxt:

iOS-Adaptxt-07

Thoir gnogag air Adaptxt:

iOS-Adaptxt-08

Gluais am putan ri taobh Allow Full Access dhan taobh deas:

iOS-Adaptxt-09

Is thoir cead dha:

iOS-Adaptxt-10

Air an sgrĂŹn seo, briog air Edit:

iOS-Adaptxt-12

Agus gluais Adaptxt gu mullach na liosta:

 

iOS-Adaptxt-13

Mar seo:

iOS-Adaptxt-14

Nise, till dhan sgrĂŹn-dhachaigh agus fosgail Adaptxt agus chĂŹ thu na leanas, tagh Add-on manager:

iOS-Adaptxt-15
​Thoir gnogag air More… ann:

iOS-Adaptxt-16

agus tagh na cĂ nain a tha thu ag iarraidh:

iOS-Adaptxt-17

Sin agad e, tha e deiseil ri chleachdadh a-nis. Fosgail aplacaid a leithid Notes is chĂŹ thu seo:

iOS-Adaptxt-18

Bidh English air an spacebar. Slaod gu taobh seach taobh e airson nan cĂ nan eile. SgrĂŹobh rud agus chĂŹ thu na molaidhean ann:

iOS-Adaptxt-19

Obraichidh rudan mar swipe agus fèin-cheartachadh cuideachd (feumaidh tu seo a chur air sna Settings aig Adaptxt).

CÀBHA (Ceistean Àbhaisteach)
1. Ciamar a gheibh mi tĂ than?
Ma chumas tu sĂŹos iuchair air a bheil barrachd air aon litir/samhla, gheibh thu an roghainn eile. Ma-tĂ , airson tĂ than, cum sĂŹos an litir B:
gd17

An dearbh rud ma tha thu air tòir asgair (tha sin air an litir G)

2. A bheil barrachd fhaclan ’gam moladh?
Tha, gheibh thu barrachd dhiubh ’s tu a’ briogadh air an t-saighead
gd18

3) Cha toigh/mhath/chaomh/ghasta leam an Olympic Theme
Seadh, cha mhath na leamsa. Ach ma bheir thu gnogag air ĂŹomhaigheag Adaptxt
gd16
’s urrainn dhut atharrachadh fo Themes and Layouts » Keyboard Theme

4. Tablaidean Android?
Seadh, tha e ag obair air tablaidean Android cuideachd.

5. Windows Phone

Tha mi duilich ach chan eil seo ri làimh air Windows Phone oir tha Microsoft a’ bacadh rud air a bheil 3rd party entry methods. Ma tha thu ’ga iarraidh air Windows Phone, nach cuir thu taic ris an iomairt seo?

7. Chuir mi air ais e dhan t-seann mheur-chlĂ r
Agus chan urrainn dhut Adaptxt fhaighinn air ais ged a chaidh thu a-steach dhan na roghainnean ann an Android? Àidh, tha Android caran gòrach uaireannan. Ach tha fuasgladh ann. Fosgail raon sgrìobhaidh am badeigin, can SMS ùr (cha leig thu leas a chur). Cuir do chorrag aig fìor-bharr na sgrìn agus slaod a-nuas e. Chì thu còmhradh ann far an urrainn dhut a chur gu Adaptxt a-rithist.

Tags:,

Leave a Comments

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach