Jitsi (SIP Communicator)


Nise, tha seo caran geeky aig an ìre-sa ach mur eil sin a’ cur eagal ort, seo prògram conaltraidh (fuaim, video agus cabadaich) dhut. Làimhsichidh e pròtacalan mar SIP, XMPP/Jabber, AIM/ICQ, Yahoo!, Facebook agus GoogleTalk agus leis a sin, bheir e cothrom dhut bruidhinn ri iomadh duine aig an aon àm san aon àite, fiù ma tha iad air diofar sheirbheisean.

’S e pròiseact le còd fosgailte a tha ann agus chan e companaidh mòr a tha airson do dhàta a ghoid ort agus tha iad pròiseil às a’ chrioptachadh is tèarainteachd làidir a gheibhear ann.

Gheibh thu gach rud ris a bhiodh dùil ann, can:

  • cabadaich
  • gairmean (video is cainnt)
  • co-roinneadh na sgrìn
  • tar-chur fhaidhlichean
  • co-ghairmean (cainnt agus video)

Tha e car coltach ri MSN Messenger no Skype. Agus tha e ri làimh ann an Gàidhlig – deagh-dhòigh airson Gàidhlig a sparradh air Facebook Chat no GoogleTalk! Tha fiù dearbhair-litreachaidh Gàidhlig ’na bhroinn:

Jitsi05

Ma tha thu airson clàradh a-steach air le cunntas a tha agad mu thràth, tha sin furasta gu leòr, cha leig thu leas ach am prògram fhaighinn is leantainn ris stiùireadh ann.

Gabhaidh mìle rud eile a dhèanamh leis, can ma tha companaidh agad a tha ag iarraidh inneal airson gairmean tèarainte a dhèanamh eadar oifisean agus air na frithealaichean agaibh fhèin ach b’ fheairrde dhuibh taic neach IT air a shon.

Airson toiseach tòiseachaidh leis, feuch an stiùireadh aig Jitsi dhan luchd-chleachdaidh.

Air MacOS
Chan eil e doirbh, faigh greim air a’ phacaid agus munntaig e:

Jitsi03

Dh’fhaoidte gun iarr e ort Java Runtime a stàladh, feumaidh tu aontachadh ris:

Jitsi04

Ach sin agad e.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest