Freeciv

’S e geama coimpiutair a tha ann am Freeciv, a’ chiad gheama “mór” a bha a-riamh ri fhaighinn sa Ghàidhlig (ann an 2011). ’S e geama ro-innleachdach a tha ann; tha thu ’nad cheannard os cionn treubha ann an linn na cloiche agus feumaidh tu fàs a thoirt air an treubh seo.

Tha an geama saor an-asgaidh, stèidhichte air còd Civilization le Sid Meier, geama a bha iomraiteach ’na latha agus làn spòrs fhathast agus tha an luchd-leasachaidh a’ cur ris fad na h-ùine. No, mur eil thu eòlach air Civilization, tha e car coltach ri Age of Empires cuideachd. Gabhaidh a chluich leat fhèin an aghaidh na h-inntinne fhuadain air neo an aghaidh daoine eile air an lìonra.

Cha robh roghnadh is taghadh mòr ann an Civilization a thaobh nan nàiseanan ach tha na dusanan dhiubh ann am Freeciv, eadar seann sluagh Etruria is muinntir Mars! Tha fiù Gàidheil na h-Alba ann mar nàisean!

Tha rud beag no dhà ri mìneachadh airson ’s gum faigh thu e ann an Gàidhlig.

Windows

Tha seo gu math furasta. Faigh am faidhle airson Windows agus cuir gu dol e. Chan eil dad às an àbhaist ach air an sgrìn a leanas, dèan cinnteach gun tagh thu gd (sin “Gàidhlig” ann an cainnt nan glaoic):

Freeciv

Sin agad e. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh gu h-ìosal air cluich a’ gheama fhèin.

MacOS

Beagan nas toinnte. Faigh greim air an fhaidhle an toiseach. Cuir gu dol an dmg mur a thòisicheas leis fhèin agus innis dha gu bheil thu cinnteach gu bheil thu airson a stàladh:

freeciv-mac-02

Cuir gu dol Freeciv an uairsin:

freeciv-mac-01

 

Nise, tha teans gun nochd e ann an Gàidhlig leis fhèin mas e Mac ùr a tha agad agus ma shuidhich thu Gàidhlig mar chànan an t-siostaim-obrachaidh. Air neo, feuch na leanas.

  1. Fosgail Terminal
  1. Cuir gu dol cliant Freeciv le LANG=gd LANGUAGE=gd freeciv-gtk2

Gus frithealaiche Freeciv a chur gu dol:

  1. Fosgail Terminal
  2. Cuir gu dol frithealaichte Freeciv le LANG=gd LANGUAGE=gd freeciv-server
  3. Ceangail ris an frithealaiche leis a’ chliant

Sin agad e.

Linux/Ubuntu

Faigh greim air an fhaidhle an toiseach is stàlaich e. Bu chòir gun nochd an geama sa chànan a thagh thu mar an cànan as fhearr leat san t-siostam. Thoir sùil air Administration » Language Support (ann an Ubuntu 10.04 ’s feadhainn nas ùire co-dhiù).

Mur eil an distro de Linux agad a’ cur taic ris a’ Ghàidhlig aig an àm seo, feuch na leanas: LANG=gd_GB.utf-8 freeciv-gtk2

Stiùreadh cluich

1. A’ tòiseachadh air geama

Rinn Fòram na Gàidhlig video beag a mhìnicheas mar a nithear sin.

2. A’ tòiseachadh air geama LAN

Cluicheadair 1 – Feumaidh a’ chiad duine a bhith ’na fhrithealaiche. Tòisich air Freeciv agus geama ùr:
freeciv-lan-1

Tagh an àireamh a chluicheadairean:
freeciv-lan-2
Tagh nàisean:
freeciv-lan-3
Gus nàiseanan nan cluicheadairean eile a thaghadh, brùth dèan briogadh deas air an sgioba acasan agus roghainn Tagh nàisean:
freeciv-lan-3b

Tòisich
freeciv-lan-4
Nise, feumaidh tu innse do chàch dè an àireamh IP a tha agad. Air Windows, dèan na leanas:

  • Air Windows XP, briog air Start agus Run agus cuir ann na litirichean cmd agus an uairsin briog air Enter. Fosglaidh sin uinneag bheag dhubh.
  • Air Windows Vista/7/8, chan eil Run ann, ach ma bhriogas tu air Tòisich/Start, tha raon beag ann gus faidhlichean agus prògraman a lorg. Cuir cmd ann agus nochdaidh am prògram a tha a dhìth ort.
  • Cuir a-steach ipconfig. Innsidh an coimpiutair an àireamh IP agad dhut; ’s e IPv4 Address a tha a dhìth (192.168.1.73 san eisimpleir againn). Ma tha barrachd na aon dhiubh ann, feumaidh na cluicheadairean eile feuchainn dè am fear ceart.

freeciv-lan-5

Na cluicheadairean eile – Tòisichibh Freeciv agus rachaibh gu Dèan ceangal ri geama lìonraidh:

freeciv-lan-6

San taba Local Area Network, cuir an àireamh IP aig Cluicheadair 1 ann agus briog air Ceangail:
freeciv-lan-7
Tagh an sgioba a tha thu airson cluich, m.e. Sgioba 1 le Zabel I ’na cheannard. Briog air Gabh Zabel I (Nochdaidh “Gabh” agus ainm a’ cheannard a thagh thu air a’ phutan).
freeciv-lan-8

Sin agad e. An dòchas gun còrd e riut!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest