TuxPaint



LinuxMacWindows

Tha TuxPaint ’na phrògram peantaidh do chlann eadar 3 is 12 bliadhna a dh’aois. Leis gu bheil e ’ga leasachadh leis a’ choimhearsnachd is ’na phròiseact le còd fosgailte, tha e saor an-asgaidh.

Tha iomadh gleus ’na lùib, eadar bruisean peantaidh, stampaichean, draoidheachd is rudan mar sin mar a chì sibh sa ghailearaidh.

Windows

Chan eil e doirbh a stàladh. Faigh greim air an dà fhaidhle air an làrach seo, am prògram agus na stampaichean:

Tuxpaint

Feumaidh tu an tuxpaint-0.9.22-win32-installer.exe a chur gu dol an toiseach. ’S urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh an-seo fhèin:

TuxPaint

Lean ris an stiùireadh air an sgrìn, chan eil dad neònach ann. San uinneag mu dheireadh, thoir a’ chromag às an dà bhogsa agus briog air Crìochnaich:

TuxPaint

Sin a’ chiad cheum. Till far an robh na faidhlichean a-nis agus cuir gu dol tuxpaint-stamps-2009-06-20-win32-installer.exe. A-rithist, ’s urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh an-seo fhèin:

TuxPaint

Nise, ruigidh tu an uinneag seo, dèan cinnteach gu bheil thu a’ dèanamh Stàladh slàn:

TuxPaint

Air adhart an uairsin agus sin agad e.

A’ chiad turas a chuireas tu gu dol am prògram fhèin, bidh e greiseag a’ rèiteachadh seo ’s a’ suidheachadh siud. Leig leis, bidh e suas ri mionaid no dhà. Cha tachair sin ach a’ chiad turas, bidh e nas luaithe às a dhèidh sin.

Linux/Ubuntu

Gheibh thu stiĂšireadh mionaideach air an duilleag seo.

Leave a Comments

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach