Am Faclair Beag
’S e am Faclair Beag aon dhe na faclairean Gàidhlig/Beurla air a bheil fèill mhòr sna làithean-sa (cho mòr ’s gun do dh’iarr sgioba LearnGaelic ceadachas air a shon). Tha e ag amas air gach facal is abairt Ghàidhlig fon ghrèin a thoirt còmhla san aon àite agus ri linn sin, gheibh thu an dà chuid briathrachas is abairtean ùra agus Dwelly taobh ri taobh. Agus tha e saor an-asgaidh.
Tha e a’ cur iomadh goireas is fiosrachadh eile ri do làimh aig an aon àm cuideachd, mar eisimpleir:
- fiosrachadh gràmair riatanach (gnè, ainmearan gnìomhaireach, an ìre choimeasach)
- fiosrachadh a thaobh fuaimneachadh an fhacail ann an IPA agus fuaim (ma tha clàradh ann)
- stiùireadh a thaobh dè cho cumanta ’s a tha facal (na rionnagan)
- mapaichean dhe na sgìrean far a bheil facal air choireigin ’ga chleachdadh (ma tha dàta ann)
- buill-eisimpleir de chleachdadh nam faclan
- lorg simplidh no adhartach
agus mòran a bharrachd. Gheibh thu am faclair an-seo agus ma tha barrachd mion-fhiosrachaidh a dhìth ort mu na gleusan adhartach ann, gheibh thu sin an-seo.
’S urrainn dhut ath-ghoirid a chur air sgrìn an fhòn-làimhe agad cuideachd ach am faigh thu greim air gu luath. Feuch na leanas:
Fònaichean Android
Dèan comharra-lìn dhen duilleag ann am brabhsair bunaiteach an fhòn agad
Rach gu na Bookmarks agus brùth ’s cum sìos e agus nuair a nochdas clàr-taice nan roghainnean, tagh Add shortcut to Home.
Sin agad e:
iPhones/iPads
Rach gun duilleag is thoir gnogag air an ìomhaigheag Bookmark air an sgrìn. Nuair a thig an clàr-taice an àirde, brùth thoirt gnogag air Add to Home Scree:
Dh’iarr daoine oirnn aplacaid cheart a dhèanamh dheth ach ag innse na fìrinn, chan eil tìde gu leòr againn aplacaid a dhèanamh an ceann gach rud eile a tha sin ris (agus dh’fheumamaid a dhèanamh airson Android, iPhone, Windows Phone agus cò aig a tha fios dè eile) agus a bharrachd air sin, tha ceistean ann a thaobh tèarainteachd an dàta. Saoilidh sin gu bheil an ath-ghoirid seo ’na fhuasgladh cothromach agus tha seirbheisean dàta aig a’ mhòrchuid an-diugh co-dhiù.