Innealan do luchd-leasachaidh

OpenCart

’S ùrlar reic a tha ann an OpenCart, prògram a bheir comas dhut bùth “fhosgladh” air an eadar-lìon. Bathar-bog malairt-lìn mar a tha aig na daoine air a tha ’ga leasachadh. ’S e pròiseact le còd fosgailte a tha ann an OpenCart cuideachd agus leis a sin, tha e saor an-asgaidh. Ma tha thu airson ball-eisimpleir de bhùth fhaicinn a tha ’ga chleachdadh, tadhail air làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean, tha iad-san ’ga chleachdadh.

Tha tha comasach air na rudan àbhaisteach ris a bhiodh dùil agus tha iomadh leudachan ri fhaighinn air a shon cuideachd a bheir comasan a bharrachd dha.

Tha a’ phacaid cànain ri làimh chàich a-nis agus gheibhear an-seo e. Thoir an aire gur e leth-eadar-theangachadh a tha ann, cha deach Gàidhlig a chur air air aghaidh a’ bhùtha (’s e sin na chì na custamairean), tha raon nan rianairean (am “backend”) ann am Beurla (aig an àm seo co-dhiù).

Gheibh thu OpenCart e fhèin an-seo. Ma tha ceist sam bith agad air stàladh agus obrachadh OpenCart, mholamaid fòram na coimhearsnachd aca.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest