Widelands

’S e geama ro-innleachd togail fìor-ama saor is Open Source a tha ann an Widelands, le iomairtean aon-chluicheadair agus modh ioma-chluicheadair. Tha e car coltach ri Settlers ach tha e mòran nas toinnte ’s domhainn.

Tha thu ’nad cheannard cinnidh bhig. ’S e  do togail tuineachaidh do dhleastanas. Nì do mhuinntir obair gus barrachd stòrasan a chruinneachadh airson cur ris an fhàs. Dè rachadh cearr ann? 😉
Gheibh thu an geama an-seo agus cha leig thu leas ach Gàidhlig a thaghadh rè an stàlaidh:
Ach ma dh’fhairtlich sin ort, fosgail na Options:
Agus tagh Gàidhlig:
Cuir an sàs sin agus bidh e agad.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest