Teicneolas-taice

Alexa ’s Radio nan Gàidheal

Ged a tha Alexa caran uaigealta ’nar beachd fhìn, ma tha i agad is ma tha thu airson RnanG a chluich oirre, chan eil sin cho furasta ’s a shaoileadh oir cha tuig i “Raidio nan Gàidheal” ma chanas tu e, ceart no cearr. Tha e car mar an sketch ud mun àrdaichear ann an Alba

Ach leig cuideigin fios thugainn gu bheil dòigh ann. Feumaidh tu na leanas a ràdh rithe:

Alexa play 104.7 FM from TuneIn

agus a-rèir coltais, cluichidh i RnanG dhut an uairsin.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest