VLC – VideoLAN



AndroidLinuxMacWindows

’S e cluicheadair mheadhanan a tha ann an VLC – saor an-asgaidh agus cluichidh e cha mhòr faidhle sam bith. A bharrachd air sin, ’s urrainn dhut a chleachdadh gus Radio nan GĂ idheal a chlĂ radh air coimpiutair agus iomadh rud snasail eile. Gheibh thu an-seo e; thèid a stĂ ladh sa Bheurla an toiseach ach gheibh thu GĂ idhlig ma thèid thu gu Tools (no, air MacOSX, gu VLC) Âť Preferences  Language  Menus Language  GĂ idhlig. Sin agad e!

Tha tionndadh beta de VLC ri fhaighinn air Android (an-seo) cuideachd. Feumaidh tu na leanas a dhèanamh an dèidh a stàladh:

Fosgail VLC is brùth putan a’ chlàir-thaice:

androidmenu

Mar is trice tha seo aig bonn an fhòn air an taobh chlÏ. Thoir gnogag air Preferences an uairsin:

VLCAndroid06

Advanced an uairsin:

VLCAndroid07

Set Locale an uairsin (tha fhios a’m, abair ainm…):

VLCAndroid08

Is cuir a-steach Gd an uairsin:

VLCAndroid09

Feumaidh tu ath-thòiseachadh a-nis:

VLCAndroid10

Agus seo agad e:

VLCAndroid11

CÀBHA (Ceistean Àbhaisteach)

1. An urrainn dhomh RnaG a shàbhaladh airson ’s nach bi agam a chur a-steach a h-uile turas?

’S urrainn ach chan eil dad am broinn VLC fhèin leis an urrainn dhut sruth on eadar-lìon a shàbhaladh mar annsachd no dad mar sin. Ach is urrainn dhut na leanas a dhèanamh ann am Windows: Dèan briogadh deas air an sgrìn is tagh New » Shortcut:

VLC-c-05

Nise, dèan lethbhreac dhen t-sreath seo (an rud gu lèir, a’ gabhail a-steach an dĂ  ” “) agus cuir ann an raon an t-seòlaidh e: “C:\Program Files (x86)\VideoLAN\VLC\vlc.exe” http://bbc.co.uk/radio/listen/live/rng.asx

VLC-c-06

Briog air Next an uairsin agus thoir ainm air:

VLC-c-07

Sin e, cuiridh seo ĂŹomhaigheag air an sgrĂŹn agad agus ma bhriogas tu air, fosglaidh e RnanG dhut:

VLC-c-08

2.Cha toigh leam seo, tha mi dĂŹreach airson fhosgladh

Chan eil seo doirbh. Feumaidh tu an ceangal ri RnanG an toiseach, http://bbc.co.uk/radio/listen/live/rng.asx agus dèan lethbhreac dheth. Nise, fosgail VLC agus briog air Meadhan  Fosgail sruth lÏonraidh:

VLC-c-01

Cuir a-steach an ceangal an uairsin:

VLC-c-02

agus briog air Cluich. Sin agad e:

VLC-c-03

3. Ciamar a chlĂ raicheas mi e?

Tha seo coltach ri fosgladh an t-srutha. Dèan lethbhreac dhen cheangal seo http://bbc.co.uk/radio/listen/live/rng.asx agus fosgail VLC agus an uairsin briog air Meadhan ach an uairsin air Sàbhail/Iompaich:

VLC-c-09

Cuir an seòladh a-steach an uairsin:

VLC-c-10

Feumaidh tu briogadh air Brabhsaich an uairsin gus innse dha VLC dè an t-ainm a bhios air an fhaidhle agus càit an cuir e e:

VLC-c-12

Tha e cudromach gun cuir thu an .mp3 aig an deireadh. Briog Save an uairsin agus air an ath-sgrìn, briog air a’ chlàr-taice is tagh mp3 a-rithist:

VLC-c-13

Agus air Tòisich:

VLC-c-14

Agus sin e ’ga chlàradh a-nis.

3. Cha bhi mi aig an deasg, an urrainn dhomh seo a’ clàradh aig àm sònraichte?

An-dĂ … ’s urrainn ach tha e car toinnte. SgrĂŹobh Craig còir pĂŹos beag còd a nĂŹ seo ach feumaidh tu a bhith caran eòlach air a leithid a rud, chanamaid:

rem %1 = feed http://bbc.co.uk/radio/listen/live/rng.asx
rem %2 = duration 10 seconds
rem assumes dd/mm/yyyy format (UK)
SET DAY=%DATE:~0,2%
SET MTH=%DATE:~3,2%
SET YR=%DATE:~6,4%
SET HR=%TIME:~0,2%
SET HR0=%TIME:~0,1%
IF “%HR0%”==” ” SET HR=0%TIME:~1,1%
SET MIN=%TIME:~3,2%
SET SEC=%TIME:~6,2%
SET MYDATE=%YR%%MTH%%DAY%-%HR%%MIN%%SEC%
set feed=%1
IF %1.==. set feed=”http://bbc.co.uk/radio/listen/live/rng.asx”
call :get_file %feed%
SET duration=%2
if %2.==. set duration=3000
cd %USERPROFILE”\Documents\Internet\Radio”
“C:\Program Files (x86)\VideoLAN\VLC\vlc.exe” –run-time=%duration% %feed% –sout=”#transcode{acodec=mp3,ab=128,channels=2,samplerate=44100}:std{access=
file,mux=raw,dst=’%_name%-%MYDATE%.mp3′}” vlc://quit

exit

:get_file
SET _name=%~nx1
set _name=%_name:~0,3%
GOTO:EOF

Leave a Comments

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach