DuckDuckGo

’S e einnsean-luirg ùr a tha ann an DuckDuckGo a chaidh a chur air bhog ann an 2008. Tha poileasaidh prìobhaideachd làidir aca agus cha dèan iad profiling no tracadh ort.

Ma tha thu a’ cleachdadh brabhsair Gàidhlig, nochdaidh DuckDuckGo ann an Gàidhlig leis fhèin. Mur eil, briog air More san oisean deas gu h-ìosal:

DuckDuckGo05

An uairsin air Settings:

DuckDuckGo06

Agus tagh Gàidhlig san Rìoghachd Aonaichte:

DuckDuckGo07

Sin agad e. Cuimhnichidh e an roghainn cànain an ath-thuras.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest