Stellarium

 

Tha Stellarium ’na mhapa eadar-ghnìomhach nan speuran agus is urrainn dhut “coimhead” air na speuran leis mar a choimheadadh tu le glainne-amhairc. Car mar GoogleEarth dha na speuran. Chì thu iomadh rud ann:

  • Corr is 210 millean reul
  • Buidhnean reultan is sgead-dhealbhan nan reul-bhadan airson corr is 20 cultar eadar-dhealaichte
  • Slighe Chlann Uisnich fhìor-riochdail
  • Dubhraidhean, èirigh is laighe na grèine
  • Na planaidean is na saidealan aca
  • Rionnagan-earbaill
  • Dealbhan de dhearganan-doireann (catalog Messier slàn)
  • Mòr-nòbhathan
  • Comas a ghnàthachadh dhan àite far a bheil thu

is iomadh rud eile. Cha leig thu leas ach a luchdadh a-nuas agus a stàladh. Faighnichidh e dhìot dè an cànan as fhearr leat:

Ach ma dh’fhairtlich sin ort, fosgail na roghainnean is tagh Gàidhlig:

Agus sin agad e.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest