Neverball ⁊ Neverputt

’S e geama teòmachd ’s tòimhseachain 3D a tha ann an Neverball. ’S e amas a’ gheama tadhal a ruigsinn le bàla mus falbh an ùine ort. Air an t-slighe, feumaidh tu roiligeadh thairis air buinn gus an cruinneachadh. Chan fhosgail an tadhal ach nuair a bhios tu air buinn gu leòr a chruinneachadh agus faodaidh cnapan-starra a bhith san rathad. Gheibhear an geama goilf Neverputt an lùib Neverball cuideachd.

Mar a stàlaicheas tu e
Gheibh thu am faidhle stàlaidh an-seo. Feumaidh tu a dhì-dhùmhlachadh an uairsin gu pasgan far am faigh thu greim air a-rithist.

Rach dhan phasgan far an do rinn thu an dì-dhùmhlachadh agus fosgail neverball gus Neverball a thòiseachadh no neverputt gus Neverputt a thòiseachadh. Nì briogadh dùbailte a’ chùis:

 

neverball-start

Ma tha Oculus Rift agad, tagh am prògram iomchaidh sa phasgan ’na àite.

Ma nochdas e sa Bheurla, gabhaidh a’ Ghàidhlig a chur air gun trioblaid. Seo mar a nì thu sin airson Neverball e; obraichidh e air an aon dòigh le Neverputt.

Briog air Options:

neverball-language1

Briog air English (US) no ge be dè an cànan a nochdas:

neverball-language2

Fosglaidh sin uinneag eile, briog air Gàidhlig an uairsin:

neverball-language3

Sin agad e!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest