GenoPro
’S e bathar-bog a leigeas leat craobhan-sinnsearachd a chruthachadh a tha ann an GenoPro. Cha leig thu leas ach a stàladh agus an uairsin Gàidhlig a thaghadh fo Language » Scots Gaelic. Thathar a’ reic GenoPro air airgead ach cha chosg e an saoghal agus tha e fìor-mhath – agus sa Ghàidhlig!
Obraichidh e air Mac fhad ’s a tha prògram agad a leigeas leat prògraman Windows a chleachdadh air. Gheibh thu barrachd stiùireadh mun chuspair seo air an làrach aig GenoPro fhèin.