Freefilesync

Tha Freefilesync ’na ghoireas a bheir cothrom dhut lethbhreacan-glèidhidh (sin backups) a dhèanamh dhe na faidhlichean agad. Prògram gu math feumail agus furasta goireasach ri chleachdadh. Às dèidh dhuibh a stàladh, dèan na leanas:

  1. Faigh greim air an zip seo is dèan unzip. Tha faighle scottish_gaelic.lng ’na bhroinn.
  2. Thoir sùil air a’ phasgan far am bi an siostam a’ stàladh nam prògraman. Air Windows, seo ../Program Files/FreeFileSync/ mar is trice. Tha pasgan ’na bhroinn air a bheil /Languages. Cuir lethbhreac dhen fhaidhle .lng ann
  3.  Sa phrògram FFS, ann an Advanced » Language, tagh Gàidhlig.

Bha seo nas simplidhe roimhe ach chan eil iad cho taiceil ri cànain bheaga sna làithean seo ’s a bha iad gu mì-fhortanach. Gheibh thu an-seo am prògram.

’S urrainn dhut na seiseanan a shàbhaladh agus cha leig thu a leas ach dà bhriogadh a dhèanamh gach turas a bhios tu ri lethbhreac-glèidhidh ùr a dhèanamh, ge be co mheud draibh a tha a-staigh san àireamh.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest