GCompris

’S e sreath de phrògraman foghlaim a tha ann an GCompris, air deagh-chàileachd is tha iomadh cleas ’na bhroinn airson clann eadar aois 2 is 10. Ach bidh cuid mhath dheth freagarrach do dhuine sam bith a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig cuideachd.

Tha GCompris a’ toirt dhut barrachd air 100 cleas a-nis agus tha barrachd ’gan leasachadh. ’S e pròiseact le còd fosgailte a tha ann an GCompris agus leis a sin, tha e saor an-asgaidh air Linux (agus distros eile) ach iarraidh iad suim bheag air daoine a tha ’ga iarraidh air Windows no Mac ach ’s fhiach an t-airgead e gun teagamh. Chan eil diofar eadar an tionndadh saor ’s an tionndadh air airgead ach gu bheil cuid dhe na cleasan glaiste san tionndadh saor. Cuideachd, ’s urrainn dhut aon dhe na cleasan a chluich air loidhne gus fheuchainn.

Tha Gàidhlig ’na bhroinn a-mach o thionndadh 13.11 (Samhain 2013) agus chaidh cuid a rudan ann an GCompris a chur air gleus gu sònraichte airson na Gàidhlig agus tha barrachd ri thighinn fhathast (tha aon chleas litrichean ann nach eil ag obair buileach mar bu chòir fhathast. Taing mhòr mhòr dhan tè aig a bheil Fòram na Gàidhlig is i air obair ionmholta a dhèanamh eadar còd is grafaigeachd airson na Gàidhlig.

1. Mar a stàlaicheas tu GCompris air Windows
Tha seo furasta – tagh an tionndadh iomchaidh airson an t-siostaim-obrachaidh agad is luchdaich a-nuas e on làrach aig GCompris. Cuir gu dol am faidhle is lean ris an stiùireadh (chan eil an installer fhèin sa Ghàidhlig).

GCompris02

Bidh e greis ’ga stàladh is a’ tòiseachadh a’ chiad turas ach bidh e nas luaithe às a dhèidh sin.

GCompris03

Mur eil e a’ nochdadh sa Ghàidhlig sa bhad, dèan seo: Briog air an toinnear

GCompris04

Agus an uairsin air an t-saighead:

GCompris05

Gus am faic thu Scottish Gaelic ann. Thoir an aire nach eil an liosta a-rèir na h-aibideil air adhbhar air choireigin:

GCompris06

Mar a dh’atharraichear an cruth-clò
Chan eil clàr-taice ann fhathast gus an cruth-clò a thaghadh is feumaidh tu faidhle a dheasachadh gus atharrachadh (ma tha thu ag iarraidh rudeigin a tha nas fhaisge air na litrichean a chleachdas a’ chlann san sgoil). Thig sin san ath-thionndadh. Mholamaid gun cleachd thu cruth-clò air a bheil Andika san eadar-àm a tha saor fo cheadachas SIL Open Font License. Rinn sinn tionndadh dheth a-rèir nan gnàthasan Breatannach: dèan briogadh deas an-seo gus AndikaBritish a luchdadh a-nuas.

Dèan unzip air an fhaidhle uairsin is stàlaich e (nì briogadh dùbailte air Andika-R.ttf a’ chùis mar is trice):

GCompris10

An dèidh dhut an cruth-clò a stàladh, feumaidh tu faidhle a’ chraicinn aig GCompris atharrachadh a làimh. Faigh greim air a’ phasgan sa bheil GCompris agus rach gu /share/gcompris/boards/skin/babytoy/skin.xml:

GCompris11

Agus sàbhail am faidhle san zip seo (feumaidh tu unzip a dhèanamh an toiseach) os a chionn: skin

Mar a thuirt sin, obraichidh seo gu fèin-obrachail san ath-thionndadh. Tha sinn duilich gu bheil e caran toinnte ach cha robh tìde gu leòr againn seo a chur ceart buileach is cha robh sinn airson dàil a chur air an tionndadh Ghàidhlig de GCompris. Glacaidh foighidinn iasg!

Mar a stàlaichear e air Mac OS
Faigh greim air an fhaidhle iomchaidh airson Mac. Thoir an aire gum feum thu Snow Leopard no tionndadh nas ùire mus faigh thu Gàidhlig ’na bhroinn:

GCompris15

Nuair a bhios sin agad, briog air an fhaidhle far a bheil na rudan a luchdaich thu a-nuas:

GCompris16

Nuair a bhios an siostam deiseil, slaod an dà chuid GCompris agus GComprisAdmin dhan phasgan air a bheil Applications:

GCompris17

Sin e. Ma thogras tu, slaod e o Applications dhan bhàr aig a’ bhonn airson ’s gum faigh thu greim air gu luath:

GCompris18

Tòisich GCompris a-nis agus lean ris an stiùireadh fon earrann Windows airson Gàidhlig fhaighinn ann. Feumaidh tu GCompris a dhùnadh agus a thòiseachadh as ùr air Mac mus bi e ann an Gàidhlig. Thoir an aire nach eil an liosta a-rèir na h-aibideil air adhbhar air choireigin.

iPads?
Chan ann aig an àm seo ach dh’fhaoidte… cum cluas ri claisneachd.

Android
Obraichidh e air Android a-nis cuideachd agus ann an Gàidhlig. Faigh greim air air Google Play an toiseach agus stàlaich e. Fosgail an aplacaid an uairsin is thoir gnogag air an spanair:

GCompris-Android01

Feumaidh tu an Language Selector an uairsin:

GCompris-Android02

Agus cuir cromag ri taobh Gàidhlig ann:

GCompris-Android03

Luchdaichidh e a-nuas a’ phacaid cànain an uairsin:

GCompris-Android04

Agus sin agad e:

GCompris-Android05

Chan eil a h-uile geama ag obair air Android mar bu chòir fhathast ach thathar ag obair orra uile.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest