Flare


Seo geama RPG dhan fheadhainn a tha dèidheil air Dungeons & Dragons air nòs Diablo agus a leithid. Seadh, chan eil e buileach cho snasail ’s a bha Diablo ach ’s e tionndadh alpha a tha ann aig an ìre-sa agus tha seo gu math gealltanach fhèin.

Bidh thu eòlach air – tagh clas a charactar, eadar brùid is draoidh agus siuthad thusa air dàna-thuras, a’ strì an aghaidh bhòcan, dhaoine marbha, a’ cruinneachadh òr is goireasan, a’ malairt sna bailtean ’s a’ leibhealadh. Chan eil an corr ri ràdh ann!

’S e geama le còd fosgailte a tha ann a tha ’ga leasachadh le saor-thoilich agus leis a sin, cha chosg e sgillinn ruadh dhut fheuchainn.

Air Windows
Tha seo furasta gu leòr – tadhail air an làrach-lìn aig Flare agus luchdaich a-nuas an zip. Cuir seo ann am pasgan far am bu toigh leat e agus dèan unzip air. Chan eil stàlaichear ceart aig an alpha fhathast. Agus briog air Flare.exe an uairsin agus cuiridh sin gu dol an geama:

Flare02

Gheibh thu a’ Ghàidhlig fo Configuration » Interface.

Air MacOS
Beagan nas toinnte ach chan eil e dona. Sa chiad dol a-mach, faigh greim air an dmg air làrach-lìn Flare. Turas a bhios sin agad, briog air agus an uair sin air Flare:

Flare03

Tha deagh-theans gun iarr am Mac agad ort X11 a stàladh (tha seo cumanta gu leòr, na gabh dragh):

Flare04

Lean ris an stiùireadh ann agus munntaig e:

Flare05

Agus fosgail an XQuartz.pkg:

Flare06

Bidh agad ri clàradh a-mach is a-steach a-rithist (no an siostam ath-thòiseachadh):

Flare07

Nise, air ais dhan fhaidhle a luchdaich thu a-nuas:

Flare08

Dìreach far a bheil e ann am Windows, tha a’ Ghàidhlig ann an Options » Interface:

Flare09

Sin agad e!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest