Enigmail
’S e tuilleadan tèarainteachd a gheibh thu am broinn Mozilla Thunderbird no Seamonkey a tha ann an Enigmail. Leigidh e leat OpenPGP a chleachdadh gus na puist-d a chrioptachadh ’s a shoidhneadh gu digiteach agus na teachdaireachdan a gheibh thu a dhearbhadh.
Ma chuireas tu post-d gun chrioptachadh, tha e mar gun cuireadh tu cairt-phuist – ’s urrainn do dhuine agus siostam sam bith a làimhsicheas na puist-d agad an t-susbaint a tha ’nam broinn a leughadh. Ma chrioptaicheas tu am post-d agad, cuiridh tu an teachdaireachd ann an ceiseag nach urrainn ach dhan fhaightear aice fhosgladh.
Tha video ann a mhìnicheas dhut mar a dh’obraicheas e.
Ach tha treòir ceum air cheum “àbhaisteach” ann cuideachd:
An toiseach, feumaidh tu inneal crioptachaidh fhaighinn. Gheibh thu e o na h-àitichean a leanas:
Cha leig thu leas ach leantainn ris an stiùireadh rè an stàlaidh. Fàg a h-uile rud mar a tha e.
Cuiridh sinn plugan ri Thunderbird a-nis a làimhsicheas an crioptachadh dhuinn. Seo Enigmail fhèin. Tadhail air na tuilleadain:
Lorg Enigmail agus stàlaich e:
Feumaidh tu Thunderbird ath-thòiseachadh an uairsin:
Nuair a thòisicheas Thunderbird, cuiridh an draoidh rèiteachaidh aig Enigmail fàilte ort. A-rithist, fàg a h-uile rud mar a tha e:
Thèid abairt-fhaire iarraidh ort a-nis. Mar as toinnte ’s ann as fhearr ach feumaidh e a bhith furasta taidhpeadh cuideachd. Thèid an abairt-fhaire seo iarraidh ort gu tric an uairsin nuair a leughas tu post-d a chaidh a chrioptachadh. Sgrìobh sìos air pàipear i agus cum i am badeigin sàbhailte.
Iarraidh Enigmail ort an uairsin gun cruthaich thu teisteanas cùl-ghairm. Tha seo ann air eagal ’s gun dig an latha a dhìochuimhnicheas tu an abairt-fhaire agad.
Seo sinn ullamh a-nis ach mholainn gun cuir thu lethbhreac dhe na h-iuchraichean agad air USB stick – ’s urrainn dhut seo a dhèanamh uaireigin eile ma thogras tu. Nì thu seo ann an “Stiùireadh nan iuchraichean.”
Dèan briogadh deas air an iuchair agad:
Tha dà phàirt san iuchair agad: iuchair phoblach is iuchair phrìobhaideach. Cleachdaidh tu an iuchair phrìobhaideach agad gus puist-d a chaidh a chur thugad a leughadh. Na doir do dhuine sam bith eile i!
Tha Enigmail air a rèiteachadh a-nis. Tòisicheamaid air a chonaltradh mar-thà.
Nise, seo Aghaidh Choimheach a’ sgrìobhadh post-d gu Fòram na Gàidhlig. Thoir an aire gu bheil Aghaidh Choimheach a’ cur a h-iuchrach poblaich ris an teachdaireachd.
Cha deach an teachdaireachd seo a chrioptachadh fhathast, oir chan eil fhios aig Aghaidh Choimheach a bheil comas crioptachaidh aig Fòram na Gàidhlig gus nach eil.
Nise, seo Fòram na Gàidhlig a’ leughadh na teachdaireachd o Aghaidh Choimheach. Nì e briogadh deas air a’ cheanglachan gus an iuchair aig Aghaidh Choimheach a chur ri Enigmail:
Cha leig e leas an iuchair aig Aghaidh Choimheach a chur ris a-rithist an uairsin.
Tha Fòram na Gàidhlig a’ freagairt dha Aghaidh Choimheach an uairsin, a’ dèanamh cinnteach gun doir e an iuchair phoblach aige dhi cuideachd. Abair thusa gun dèid an teachdaireachd seo a chrioptachadh mar-thà!
Seo as adhbhar gu bheil Enigmail ag iarraidh an abairt-fhaire air Aghaidh Choimheach a-nis:
Mu dheireadh thall, cha leig Aghaidh Choimheach a leas ach an iuchair phoblach aig Fòram na Gàidhlig a chur ri Enigmail ach an sgrìobh i post-d le crioptachadh dhasan cuideachd:
Sin agad e agus cha leugh am bràthair mòr no cracker an ath-dhorais na puist-d agad tuilleadh!