Faclairean air Kindle

Gheibh sinn ceist o àm gu àm a bheil dòigh ann air faclair Gàidhlig a chur air Kindle as urrainnear cleachadh nuair a leughar leabhraichean Gàidhlig. Ann am facal, chan eil…

Ged a tha dòigh ann air faclair ùr a chur ri Kindle, dh’fheumadh cuideigin ùine mhòr a chosg air faclair Gàidhlig a sgrìobhadh ann an cruth XML a fhreagradh air Kindle. Bheachdaich sinn air seo a’ chiad turas a dh’fhaighnich cuideigin dhinn mu dhèidhinn tionndadh dhen Fhaclair Bheag airson Kindle ach cho-dhùin sinn gun cosgadh e cus ùine agus gum biodh ceistean mòra (gun fhreagairt) ann a thaobh seasmhachd is leantainneachd. Agus gu dearbh, air adhbhar air choireigin chan eil faclairean .mobi a chaidh a mholadh dhuinn aig an àm ri làimh tuilleadh. Le companaidh mar Amazon, tha cunnart ro-mhòr ann gun doir iad, gun rabhadh, air falbh gleus sam bith nach deach a chruthachadh le Amazon fhèin.

Leis a sin, fhad ’s fhios dhuinne, chan eil faclair Gàidhlig ann airson Kindle agus tha teans nach bi. Mholamaid dhut am Faclair Beag a chumails fosgailte ann an uinneag eile agus leum eadar sin agus an leabhar.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest