Windows

’S e (aig an ìre-sa) Windows an siostam-obrachaidh as cumanta air coimpiutairean. Tha e a-nis, on a thàinig Windows 8 (agus 8.1) a-mach, ri fhaighinn ann an Gàidhlig. Gu fortanach, tha e glè fhurasta a stàladh agus ma tha Windows 8 agad mu thràth, cha chosg e sgillinn ruadh eile.

Seo mar a stàlaicheas tu e: Tadhail air Options » Control Panel » Add Language » Scottish Gaelic » Download and install language pack:

Windows

Lean ris an stiùireadh an uairsin. Chan eil sin fìor a thaobh iomadh rud a nì Microsoft ach tha seo cho furasta ri brochan a losgadh.

Cuiridh seo Gàidhlig dhut air na leanas:

  • cuid mhòr de Windows
  • Aplacaidean Bing (aimsir, ionmhas, spòrs, mapaichean, siubhal is msaa)
  • Internet Explorer
  • Paint
  • is cuid a rudan beaga eile

Obraichidh seo dìreach air Windows 8, chan ann air na siostaman a tha nas sine na sin. Ò, aon rud eile – ged a tha meur-chlàr “Gàidhlig” an cois na pacaid cànain seo, tha e cho neònach ’s nach molamaid  e dhut idir. Air sgàth sin, às dèidh dhut a’ phacaid a stàladh, ’s fheairrde dhut am meur-chlàr eile, English United Kingdom Extended a stàladh.

Tionndaidhean de Windows a tha nas sine na Windows 8

Bha rud ann aig àm air an robh CLIP (Captions Language Interface Pack) airson Office agus Windows 7/Vista a bheireadh dhut Gàidhlig ann am builgean beag os cionn na Beurla (mar tooltip). Bha sin dona gu leòr ach a bharrachd air sin bha rudan eile cearr leis – mar eisimpleir, tha am briathrachas gu tur ’na bhrochan – agus cha mholamaid dhut e idir.

Windows CLIP

Ach ma tha thu airson fheuchainn, gheibh thu an-seo e. Airson a bhith cothromach, bu chòir dhuinn innse dhut nach e peanas sònraichte a bha seo a chuir iad air a’ Ghàidhlig, tha seo a’ tachairt le gach cànan ùr, a’ chiad cheum air an t-slighe gu pacaid cheart, mar gum biodh.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest