Dearbhair LTS



LibreOfficeMicrosoft OfficeOpenOffice

’S e dearbhair-litreachaidh a tha ann an Dearbhair LTS a chaidh a dhèanamh le Foghlam Alba, stèidhichte air an dearbhair a rinn Roy Wentworth nach maireann. Ceartaichidh seo mu 200,000 diofar facal dhut.

Microsoft Office 2003-2010 (air Windows)

Chaidh seo a dhealbhadh gu sònraichte airson Office 2003 ach air cuid a shiostaman, obraichidh e air Office 2007 agus 2010 cuideachd ach chan eil barantas. Cha chuala sinn gu ruige seo gu bheil e ag obair air Office 2013. Faigh greim air an fhaidhle a stàlaicheas dhut e. Nuair a bhios sin agad, cuir gu dol e.

Seo na dh’fheumas tu dèanamh an uairsin: Comharraich an teacsa a tha ann an Gàidhlig agus a tha ri cheartachadh (no an teacsa air fad, feuch CTRL + a), briog air Tools » Language » Set Language:

Dearbhair LTS

Agus far a bheil e ag rĂ dh Mark selected text as, tagh Gaelic (Scotland):

Dearbhair LTS

Agus OK an uairsin. Innsidh seo dha Word gu bheil an teacsa ann an GĂ idhlig (mar is trice, bidh e dhen bheachd gur e Beurla a tha anns gach rud a sgrĂŹobhas tu). Ma nĂŹ thu briogadh deas air facal fon a bheil loidhne dhearg a-nis, chĂŹ thu na molaidhean:

Dearbhair LTS

Obraichidh seo ann am PowerPoint cuideachd ach air dòigh beagan eadar-dhealaichte. SgrÏobh rudeigin agus tadhail air Tools  Language:

Dearbhair LTS

Agus far a bheil e ag rĂ dh Mark selected text as, tagh Gaelic (Scotland):

Dearbhair LTS

LibreOffice/OpenOffice

Rinn Dòmhnall (Sealgair) MacDhòmhnaill tionndadh dheth a dh’obraicheas ann an LibreOffice/OpenOffice (mur eil am fear a tha ’nam broinn o thùs a’ còrdadh riut). Briog air a’ cheangal seo agus briog air Download extension. Feumaidh LibreOffice no OpenOffice a bhith stàlaichte agad mus obraich seo ach ma tha, bheir am brabhsair agad cothrom dhut fhosgladh ann an LibreOffice no OpenOffice:

Dearbhair LTS

Gus còmhstri eadar an dà dhearbhair Gàidhlig a sheachnadh, bu chòir dhut an Dearbhair Beag a thoirt air falbh ann an LibreOffice no OpenOffice is tu a’ briogadh air Innealan » Manaidsear nan leudachan » Thoir air falbh:

Dearbhair LTS

Mac OS X

A-rithist, rinn Dòmhnall (Sealgair) MacDhòmhnaill tionndadh dheth a dh’obraicheas air OS X. Tha e furasta air Snow Leopard (10.6) agus tionndaidhean nas Ăšire – cha leig thu leas ach am faidhle seo a luchdadh a-nuas, briogadh air agus a mhunntaigeadh. Ma tha thu air siostam nas sine na sine, thoir sĂšil air an lĂ rach aig Dòmhnall chòir.

Leave a Comments

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach