Skype

’S e prògram leis an urrainn dhut fòn a chur gu daoine slighe an eadar-lìn a tha ann an Skype. Leis a sin, cha chosg e dad fhad ’s a tha an neach eile air an lìon cuideachd ach ma chuireas tu fòn gu fòn àbhaisteach èiridh cosgaisean dhut. Gheibh thu Skype fhèin an-seo. Thèid a stàladh sa Bheurla a ghnàth ach ma tha thu air Windows ’s urrainn dhut faidhle cànain a stàladh an uairsin a chuireas Gàidhlig air.

Air Windows, dèan na leanas:

1. Faigh am faidhle Gaidhlig.lang an-seo is sàbhail e am badeigin air a’ choimpiutair agad

2. Ann an Skype, rach an uairsin gu Tools » Change language » Load Skype Language File

changelang

agus sin agad e. Tha e furasta tilleadh dhan Bheurla agus air ais dhan Ghàidhlig air an aon dòigh.

Air Linux (Ubuntu etc), dèan na leanas:

DÒIGH I

Cleachd am ppa seo. Tha stiùireadh air an duilleag ann a dh’innseas dhut mar a stàlaicheas tu e.

DÒIGH II

1. Dùin sìos Skype agus tadhail air an duilleag seo air Github agus faigh greim air linux.zip sa bheil fhaidhle Ghàidhlig, gaidhlig-skype_en.ts agus gaidhlig-skype_en.qm. Anns an eisimpleir seo, chuir sinn an dà fhaidhle sa phasgan /temp ach obrachaidh gin dhiubh.

2. Tha na faidhlichean cànain aig Skype ann an /usr/share/skype/lang/ air Linux mar is trice. Mu aithnich e an cànan ùr ge-tà, feumaidh tu ainm sònraichte a chur air an fhaidhle. Tha teans gum bi agad ri pasganan falaichte a chur am follais an toiseach le gksudo nautilus no àithne mar sin. Fosgail am pasgan sa bheil na faidhlichean a luchdaich thu a-nuas agus cleachd an dà àithne a leanas (tha àireamh sam bith eadar 00 agus 09 ceadaichte):

$ mv gaidhlig-skype_en.ts skype_00.ts
$ mv gaidhlig-skype_en.qm skype_00.qm

4. Nise, gluais iad dhan phasgan aig Skype mar seo:

$ sudo cp -a ../am-pasgan-sa-bheil-iad/skype_00.ts /usr/share/skype/lang/
$ sudo cp -a ../am-pasgan-sa-bheil-iad/skype_00.qm /usr/share/skype/lang/

Seo an coltas a bhios air air an sgrìn:

Skype-Linux02

5. Tòisich Skype, briog air a’ chnap uaine aige agus fosgail Options is dèan cinnteach gun do thagh thu Custom (skype 00) mar chànan agus sin agad e.

Skype-Linux01

Chan eil e ealanta ach obraichidh e. Feumaidh tu Skype a dhùnadh an toiseach:

Skype-Linux03

Ach bidh e ann an Gàidhlig an uairsin:

Skype-Linux04

CÀBHA (Ceistean Àbhaisteach)

Dè mu dhèidhinn Mac?

Gabhaidh a dhèanamh, theoretically, ach tha e cho toinnte ’s nach do rinn sinn a’ chùis air gu ruige seo. Mas e leasaichear bathair-bhog a tha annad ’s ma tha ùidh agad sa chùis, chuireamaid fàilte air taic sam bith!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest