SkyDrive

Aig an ìre-sa, ’s e SkyDrive an aon sreath de phrògraman oifis a tha ri fhaighinn air loidhne ann an Gàidhlig. Car coltach ri GoogleDocs. ’S urrainn dhut tionndadh slàn dheth a cheannach ach thig tionndadh tana dheth an cois cunntas Outlook.com (an Hotmail ùr). Fhad ’s a tha Outlook.com agad ann an Gàidhlig, bidh SkyDrive agad ann an Gàidhlig cuideachd. Gheibh thu tionndadh air loidhne de Word, Excel, PowerPoint agus OneNote dheth. Agus 7GB de stòras san neul.

Mur eil cunntas agad, gheibh thu fear an-asgaidh an-seo. Ma tha cunntas agad, clàraich a-steach aig Outlook.com agus briog air an t-saidh:

SkyDrive

Agus an uairsin air SkyDrive:

SkyDrive

Briog air SkyDrive (a’ cheathramh leacag a nochdas ann) agus sin agad e!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest