An oifis

PDFCreator

Mar a tha ainm ag innse, cruthaichidh PDFCreator faidhlichean PDF dhut o phrògram sam bith a tha comasach air clò-bhualadh.

Gheibhear e air Windows a-mhàin, chan ann air Mac agus tha gleusan eile ri làimh air Linux/Ubuntu. Ach tha e saor an-asgaidh agus mur eil feum agad air na gleusan fìor-adhartach ann an AdobeAcrobat, nì seo an gnothach dhut gun teagamh. ’S urrainn dhut PDFCreator agus Adobe PDF Reader a chleachdadh taobh ri taobh mas fhearr leat am PDF Reader airson leughadh nam PDF.

Tha moladh no dhà agam a thaobh an stàladh. Sa chiad dol a-mach, faigh greim air an fhaidhle a stàlaicheas e an-seo:

PDFCreator01

Cuir gu dol am faidhle agus, ma lùigeas tu, ’s urrainn dhut a stàladh ann an Gàidhlig:

PDFCreator02

Nise, tha seo cudromach (chì thu gu h-ìosal carson) – cuir cromag ri Roghainnean adhartach air an sgrìn seo:

PDFCreator03

Gabh ris an aonta:

PDFCreator04

Nise, air an sgrìn seo, ’s urrainn dhut a shuidheachadh mar aplacaid bhunaiteach airson faidhlichean PDF ma dh’fhàgas tu a’ chromag sa bhogsa – no ma tha Adobe PDF Reader agad (no prògram d’ a leithid), thoir air falbh a’ chromag ma tha thu airson cumail a’ dol leis a’ phrògram sin a thaobh leughadh nam PDF:

PDFCreator05

Nise, tha seo cudromach. Tha saor an-asgaidh ach leis gu bheil cosgaisean am broinn a’ phròiseict, feuchaidh e ri bathar eile a stàladh. Ach is urrainn dhut casg a chur air. Ma chì thu sgrìn sam bith mar seo:

PDFCreator06a

no mar seo:

PDFCreator06b

’s iad airson bathar sanasachd a stàladh nach eil gu feum sam bith, thoir air falbh na cromagan agus gheibh thu PDFCreator as aonais a’ bhathair eile seo.

Sin agad e. A-rèir cànan an t-siostaim agad, tha teans gun do thill e gu Beurla aig an ìre-sa. Ma thachair sin, fosgail na h-Application Settings:

PDFCreator07

Agus tagh Gaelic (Scotland) agus Save:

PDFCreator08

Sin agad e, tha e ann an Gàidhlig a-nis:

PDFCreator09

An ath-thuras a dh’fhosglas tu am brabhsair agad, tha teans gum faic thu teachdaireachd mar an tè gu h-ìosal. Thoir cead dha:

PDFCreator10

Ciamar a dh’obraicheas e? Chan eil e doirbh. Ann am prògram sam bith, lean na ceumannan àbhaisteach a leanadh tu nam biodh tu airson rud a chlò-bhualadh. Nuair a dh’fhosglas an còmhradh sin, cha leig thu leas ach PDFCreator a thaghadh seach clò-bhualadair:

PDFCreator11

Sin agad e.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest