Lichess

’S e prògram tàileisg a tha ann an lichess a chluicheas tu air an eadar-lìn sa bhrabhsair-lìn agad. Gabhaidh a chluich an aghaigh a’ choimpiutair no daoine eile air an lìon agus is urrainn dhut suidheachadh dè cho glic ’s a bhios an coimpiutair.

A bharrachd air sin, chan eil dad eile ri innse ach far a bheil an làrach. Cha dèan sinn fiù oidhirp riaghailtean tàileisg a mhìneachadh dhut, cha sinne na daoine ceart airson sin!

Aon rud – ged a tha am prògram ann an Gàidhlig, ’s e Beurla a bhios cuid mhòr dhe na daoine a chleachdadh a chluicheas ann. Ach ma tha caraid agad le Gàidhlig, gabhaidh geama a chur air dòigh gun teagamh.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest