Mac (OSX)

Tha dà dhòigh ann stràcan fhaighinn air Mac. ’S iad ath-ghoiridean an t-siostaim an fheadhainn as fhasa.

Air Mac sam bith, gheibh thu àèìòù ma bhrùthas tu ALT + ` + fuaimreag agus bheir ALT + ` + SHIFT + fuaimreag dhut ÀÈÌÒÙ mòr. Sin agad e.

macshortcut

B’ fheairrde dhut seo a dhèanamh caran slaodach an toiseach gus am fàs thu cleachdte ris. Brùth ALT (air neo Option mar a chanas cuid) agus cùm shìos e. Brùth ` (dìreach os cionn ALT mar is trice) an uairsin is leig às an dà iuchair. Cuimhnichidh OSX gu bheil thu air am brùthadh. Buail fuaimreag an uairsin agus cuiridh e stràc os a chionn.

Dòigh eile

’S e am meur-chlàr a dhealbh an t-Ollamh Mac a’ Chàrnaigh and dòigh eile. Ma stàlaicheas tu seo, bheir control-e + fuaimreag dhut na stràcan orra. Bheir e cothrom dhut air grunn chomarran an IPA cuideachd agus dh’fhaoidte gum bi seo feumail ma tha thu air cùrsa cànanachas na Gàidhlig. Barrachd mun cho-dhealbhachd seo agus na faidhlichean air a bheil feum an-seo.

One thought on “Mac (OSX)

  • 24 An Giblean 2018 at 6:25 m
    Permalink

    O chionn Mac OS X 10.7 tha dòigh eile ann cuideachd. Dìreach cum sìos am putan bunaiteach agus gheibh thu popup de comharran-litreach a tha a’ buntainn ris an litir sin. Nise dìreach cliog air am fear a tha a dhìth.

    Freagair

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest