Clàran-taice clasaigeach airson Windows 8

Ma fhuair thu Windows 8 agus mur eil na h-atharraichean mòra a rinneadh air a’ cho-dhealbhachd ’s an dòigh air a thòisicheas a’ còrdadh riut, tha fuasgladh ann. Cuideachd, ma tha thu am beachd fhaighinn airson greim fhaighinn air a’ phacaid Ghàidhlig air a shon no ma tha thu ann an dà bheachd fhathast air sgàth nan rudan seo, faodaidh seo a bhith cuideachail dhut.

Leis gu bheil an t-uabhas a dhaoine ann nach toigh leotha e a bharrachd, chruthaich an fheadhainn a tha math air coimpiutaireachd gleus snasail air a bheil Classic Shell a bheir dhut am putan Start agus na clàran-taice clasaigeach ann am Windows Explorer – a bharrachd air na thug Windows 8 a-steach agus leis a sin, gheibh thu an dà rud còmhla.

Tha e ag obair glè mhath, tha e furasta ri stàladh, saor an-asgaidh agus tha na pìosan as fhollaisiche dheth ann an Gàidhlig (dh’iarr cuideigin oirnn seo a dhèanamh – seadh, coileanaidh sinn requests, fhad ’s a tha iad reusanta!).

Cha leig thu leas ach tadhal air làrach-lìn Classic Shell agus briogadh air Download Now. Cuir gu dol am faidhle agus lean ris an stiùireadh. Air an sgrìn a leanas, is urrainn dhut na roghainnean atharrachadh ach chaidh an ro-shocrachadh air dòigh cho ciallach ’s gum molamaid dhut an cumail mar a tha iad:

ClassicShell02

Lean air adhart (thoirt a’ chromag o View Readme File ma thogras tu, sin a nì a’ chuid as motha a dhaoine) agus sin agad e.

Ma tha a’ phacaid Ghàidhlig agad mu thràth, mothaichidh e dha mar is tric agus bidh putan Tòisich agad aig bonn na sgrìn air an taobh chlì. Ach is urrainn dhut an cànan atharrachadh thu fhèin cuideachd fo Start » All Programs » Classic Shell » Classic Start Menu Settings » Language:

ClassicShell03

’S beag air daoine an sgrìn-tòiseachaidh ann am Windows 8 mar is trice, leis na leacagan ud a tha snasail ach gun mhòran feum. Gearraidh Classic Shell leum thairis air a ghnàth is cha dèan e ach an coimpiutair agad a thòiseachadh ach ma tha thu ’ga iarraidh air adhbhar air choireigin, ’s urrainn dhut a thilleadh ma bheir thu a’ chromag air falbh o Skip Metro Screen:

ClassicShell04

Cha bhi feum agad air a’ chorr dhe na roghainnean ’s chan eil sinn ’gam mìneachadh leis a sin ach ma tha ceist agad, tha fòram math aig Classic Shell cuideachd.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest