Chan eil
Ceist fhurasta. ’S urrainn dhut rud sam bith a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a dhèanamh le coimpiutairean mar a thig iad às a’ bhùth, ge be inneal Windows, Linux no iOS a tha ann.
Seadh, ma tha feum agad air rud mar na SMART™ Digital Whiteboards (can ma tha thu ag obair ann an sgoil) no Penfriend is iad feumach air bathar-cruaidh sònraichte, feumaidh tu sin. Ach feumaidh tu sin co-diù (i.e. tha feum agad air na clàran-geala digiteach mus urrainn dhut dad a dhèanamh leotha, ge be dè an cànan.