Microsoft Office (2013)
Chan e susbaint ùr a tha seo ach Dearbhair LTS ann an deise ùr mar gum biodh. Obraichidh e ann an Microsoft Office 2013 agus ceartaichidh e mu 200,000 facal dhut (tha dòigh ann a leudachadh cuideachd, faic gu h-ìosal).
Nise, tadhail air làrach Microsoft an toiseach is dèan cinnteach gu tagh thu Scottish Gaelic:
Cuiridh an làrach gun fheum ud ceist ort an e tionndadh 64 no 86 a tha thu ag iarraidh – mur eil fhios agad, faigh greim air an dà fhaidhle ’s feuch iad an dèidh a chèile, cha dèan e cron air a’ choimpiutair agad:
Ma tha thu fortanach, chì thu loidhnichean dearga fo fhaclan ann an Office a-nis a tha air an droch-litreachadh:
Ma nì thu briogadh deas air gin dhiubh, chì thu na tha e a’ moladh de cheartachaidhean:
2. Chan fhaic mi na loidhnichean dearga
Tha teans gu bheil an ceartachadh dheth. Tha sin gu math amaideach ann an Office 2013. Briog air Faidhle:
Sìos gu Roghainnean:
Agus briog air Dearbhadh:
Tha teans nach eil cromag sa bhogsa Ceartaich an litreachadh:
Cuir cromag ann – agus fhad ’s a tha sinn an-seo, briog air Roghainnean an fhèin-cheartachaidh:
Mholamaid dhut gu mòr a’ chromag a thoirt às a’ bhogsa seo. Ma tha cromag ann, tha cunnart gun dèan e The de Tha gun fhiosta:
Bu chòir dhut na loidhnichean dearga fhaicinn a-nis.
3. Tha iad ann ach tha iad fo fhaclan a tha ceart
Sin Microsoft dhut. Tha Office 2013 cugallach cugallach a thaobh cànan teacsa agus fiù ma dh’innseas tu dha nach eil ann ach Gàidhlig, bidh e rùrachadh ann an iomadh àite (mar roghainnean an t-siostaim no dè am meur-chlàr a tha agad ’s rudan mar sin) ’s cuiridh e taga ris an teacsa agad iochd air n-achd. Uaireannan bidh e ag innse dhomh gu bheil a’ chiad seantans ann an Gàidhlig, an dàrna fear ann an Gearmailtis (oir tha meur-chlàr Gearmailteach agam) ’s an uairsin gur e Beurla Afraga a Deas a tha aig an deireadh (cò aig a tha fios cò às a tha sin a’ tighinn…)
Co-dhiù, ma thachras sin, thoir sùil a bheil an cànan ceart aige aig bonn na sgrìn:
Ma tha seo ’gad chur droil, mholainn dhut an rud a sgrìobhadh an toiseach is an cànan a shuidheachadh dìreach aon turas aig an deireadh.
Briog air a’ bhàr ghorm far a bheil an cànan ris is tagh an cànan ceart:
Agus obraichidh e mar bu chòir an uairsin:
Tha loidhne fo mhòran fhaclan a tha ceart
Mar a thuirt mi, chan eil ann ach an seann-rud a rinn LTS ann an dreach ùr. Cha deach a sgioblachadh beagan ’s ged a chaidh liosta mhòr an Dearbhair Bhig a mholadh dhaibh, cha robh iad ’ga h-iarraidh.
Tha fuasgladh ann ge-tà. Ged nach urrainn dhuinn dad a dhèanamh a thaobh nam faclan neònach (’s grunn mhearachdan ’nam measg) a tha ann an Dearbhair LTS, leis gu bheil dearbhair Office 2013 ann a-nis, gabhaidh a leudachadh le cumhachd an Dearbhair Bhig. ’S mathaid nach eil feum air seo ann am bun-sgoil ach airson rudan mar tràchdasan no sgrìobhadairean leabhraichean, ’s fhiach a leudachadh.
Nise, faigh greim air an zip seo an toiseach is dèan unzip air. Tha faidhle air a bheil AnDearbhairBheag.dic ’na bhroinn. Nise, dèan lethbhreac dhe seo ’s cuir e san dearbh-phasgan far a bheil faidhlichean nan dearbhairean-litreachaidh aig Microsoft. Mar is trice, air Windows 8, bidh iad fo C:\Users\Home\AppData\Roaming\Microsoft\UProof Ma chì thu torr fhaidhlichean a tha a’ crìochnachadh le .lex, sin an t-àite ceart. Cuir am AnDearbhairBeag.dic an-sin:
Dèan cinnteach gu bheil thu ann an \UProof ’s chan ann \Proof, chuir sin cearr mi iomadh turas.
Nise, fosgail Word, briog air Faidhle:
Roghainnean:
Dearbhadh:
Agus a-nis air Faclairean gnàthaichte:
Briog air Cuir ris a-nis (chan ann air Ùr):
Is tagh AnDearbhairBeag.dic:
Agus dèan cinnteach gun tagh thu Gàidhlig na h-Alba mar chànan an fhaidhle sin:
Agus an àite rud mar seo:
Chì thu seo:
Tha cothrom agad air beagan a bharrachd air 1.1 millean facal a-nis seach 200,000! An dòchas gu bheil seo gu feum dhut!