MediaWiki
Mas e uicipeid dhut fhèin a tha a dhìth ort, tha MediaWiki (na cnàmhan aig an Uicipeid mhòr) ri fhaighinn sa Ghàidhlig cuideachd. Na bi eagal ort mun iomradh ud mu MediaWiki Hacker – chan eil sin ri ràdh gu bheil MediaWiki a’ briseadh a-steach air daoine no buidhnean, ’s e sgleò-chainnt a tha seo agus tha e a’ ciallachadh rud mar “cuideigin glic as urrainn dha còd a’ MediaWiki leasachadh” (rud a tha ceadaichte).
Tha e ri fhaighinn an-seo agus tha an t-uamhas de stiùireadh (ann am Beurla) ri fhaighinn on phròiseact fhèin.