Chrome (Chromebook)

An dà-rìribh? Chromebook? Tha sin cho dona a thaobh cànain ’s a ghabhas, nas miosa fhathast na stuth o Apple.

Co-dhiù, ma tha fear agad, gheibh thu na stràcan air ma chuireas tu an sàs Extended keyboard, gleus a bheir comasan a bharrachd dhan mheur-chlàr àbhaisteach.

Feumaidh tu na Settings air Chromebook an toiseach, tha diofar dòighean ann gus am fosgladh ach feuch am bàr gorm gu h-ìosal air an taobh deas an toiseach far a bheil e ag ràth INTL no ’s dòcha US:

chromebook01

Uaireannan ruigidh tu ann o Customise languages and input:

chromebook02

Ge be ciamar a ràinig thu ann, dèan cinnteach gu bheil cromag ri US International no US extended:

chromebook03

Cha leig thu leas an dà dhiubh a thaghadh ach cuiridh aon seach aon dhiubh na deadkeys an comas, a’ gabhail a-steach am fear clì air an iuchair 1 a chuireas stràc trom air litir.

Tha sin cho ri tuiteam far bàta. Clì air an iuchair air a bheil àireamh 1 air a’ mheur-chlàr agad, chì thu an iuchair seo:
key
Brùth sin aon turas agus an uairsin fuaimreag sam bith. Sin agad e. Mas e litir mhòr a tha a dhìth ort, brùth an iuchair agus an uairsin Shift A no Shift E is mar sin sìos.

Nì thu iomadh litir eile leis cuideachd, seo na comasan ùra uile gu lèir:

  • Stràc (`), leig às agus an uairsin litir: àèìòùẁỳ
  • AltGr, cum e agus brùth litir: áéíóúẃý
  • AltGr agus 6 còmhla, leig às agus an uairsin litir: âêîôûŵŷ
  • AltGr agus 2 còmhla, leig às agus an uairsin litir: äëïöüÿẅ
  • AltGr agus # còmhla, leig às agus an uairsin: ãõñ
  • AltGr agus c còmhla: ç

Sin agad e.

Mas fhearr leat meur-chlàr UK Extended, feumaidh tu an leudachan seo o Google a stàladh an toiseach agus an aon rud a dhèanamh a mhìnich mi gu h-àrd.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest