Siostaman Windows 8/10
Tha iomadh dòigh ann gus sin a dhèanamh ach chan eil ach aonan ann a tha ciallach, sùbailte, luath.
1. Am meur-chlàr English United Kingdom Extended/US International
Chan eil sin ri ràdh gu bheil feum agad air fear ùr a cheannach. Feumaidh gach coimpiutair bathar-bog beag a dh’innseas dha mar a dhèiligeas e ris a’ mheur-chlàr agad. Mar is trice, thig coimpiutairean ann am Breatainn leis a’ bhathar-bhog airson UK Standard Keyboard. Ach gabhaidh sinn atharrachadh gu math furasta airson ’s gun làimhsich am PC agad e air dòigh beagan eadar-dhealaichte. Mholamaid seo dhut fiù ma tha Windows 8 no 10 agad ann an Gàidhlig, tha sin a’ tighinn le meur-chlàr nach eil cho comasach (tha an stràc aige air an iuchair ` ri taobh 1 ach cha doir e dhut an corr dhe na litrichean a tha aig UK Extended) agus b’ fheairrde dhut am fear UK Extended.
Ma chleachdas tu am meur-chlàr English UK Extended, ’s urrainn dhut iuchraichean marbha (deadkeys) a chleachdadh.
Tha iuchair air taobh clì na h-iuchrach 1 air an dà mheur-chlàr air a bheil stràc `. Air meur-chlàr Beurla àbhaisteach, cha chuir sin stràc air litir ach ma leanas tu an stiùireadh seo, thèid agad air stràc a chur air fuaimreag sam bith ann am prògram sam bith ’s chan ann dìreach ann am Word. Cha bhi buaidh air rud sam bith eile ann ach gum bi na h-iuchraichean marbha seo aig obair – cha ghluais rud sam bith eile.
Dèan na leanas (bidh diofar beag eadar gach siostam Windows ach tha seo ceart san fharsaingeachd, chì thu far a bheil rudan ann)
Fosgail gleus an luirg agus cuir a-steach “languages” agus chì thu rud air a bheil Atharraich na modhan ion-chuir / Change input methods:
Briog air sin agus chì thu sgrìn mar seo:
Tha sin a’ ciallachadh gu bheil meur-chlàr Beurla agad ach dìreach am fear àbhaisteach. Chì thu Roghainnean/Options air an taobh deas, briog air aon turas:
Air an ath-sgrìn, chì thu earrann air a bheil Modh an ion-chuir/Entry method agus Cuir modh ion-chuir ris/Add entry method foidhe. Briog air sin:
Chì thu liosta fhada de bhogsaichean sa bheil QWERTY, DVORAK is mar sin air adhart. Ma sgrolaicheas tu sìos cha mhòr gu deireadh na liosta, chì thu fear air a bheil United Kingdom Extended. Briog air aon turas (bidh e gorm an uairsin):
Agus aig a’ bhonn, briog air Cuir ris/Add:
Tha a dhà dhiubh agad a-nis agus chan eil sin math, bidh thu a’ fàs tro chèile ’s mholamaid dhut briogadh air Thoir air falbh/Remove ri taobh United Kingdom (na doir air falbh United Kingdom Extended):
Chan eil ach am fear ceart agad a-nis:
Briog air Sàbhail/Save aig bonn na sgrìn an-dràsta:
Ma tha barrachd air aon mheur-chlàr agad, mholamaid gun gluais thu (cleachd Gluais suas/Move up) English (United Kingdom) – Extended suas gun a’ bharr. Mar a thuirt sin, chan eil am meur-chlàr Gàidhlig ro ghoireasach gu mì-fhortanach:
Sin agad e. An aon dòigh ma tha thu ag iarraidh meur-chlàr nan Stàitean Aonaichte no Canada ach gu bheil agad ri Beurla eile a thaghadh:
air neo
Ciamar a nì mi stràc ma-thà ’s e agam a-nis?
Cho furasta ri tuiteam far bàta. Clì air an iuchair air a bheil àireamh 1 air a’ mheur-chlàr agad, chì thu an iuchair seo:
Brùth sin aon turas agus an uairsin fuaimreag sam bith. Sin agad e. Mas e litir mhòr a tha a dhìth ort, brùth an iuchair agus an uairsin Shift A no Shift E is mar sin sìos.
Nì thu iomadh litir eile leis cuideachd, seo na comasan ùra uile gu lèir:
- Stràc (`), leig às agus an uairsin litir: àèìòùẁỳ
- AltGr, cum e agus brùth litir: áéíóúẃý
- AltGr agus 6 còmhla, leig às agus an uairsin litir: âêîôûŵŷ
- AltGr agus 2 còmhla, leig às agus an uairsin litir: äëïöüÿẅ
- AltGr agus # còmhla, leig às agus an uairsin: ãõñ
- AltGr agus c còmhla: ç