Mu dhèidhinn iGàidhlig

MM900254443

Gu goirid, tha iGàidhlig ag amas air na rudan a leanas:

  • goireasan teicneolach a chruthachadh dhan Ghàidhlig (mar is trice ann an co-obrachadh le pròiseactan no buidhnean eile)
  • Gàidhlig a chur air goireasan teicneolach, mar bhathar-bog
  • fiosrachadh mu na goireasan seo a sgaoileadh agus taic a chumail ri daoine a tha airson an cleachdadh
  • iarraidh air luchd-leasachaidh is saothraichean fuasglaidhean a dhealbhadh air duilgheadasan a tha ’nan cnapan-starra dhan Ghàidhlig (agus cànain eile san aon staing)

Ma tha ùidh agaibh sa chuspair san fharsaingeachd agus mu eachdraidh iGàidhlig, feuch am PDF seo. ’S e pàipear goirid a dh’ullaich mi ann an 2014 (’s nach dug mi seachad aig a’ cheann thall) ach tha e a’ toirt dealbh air ciamar a thug sinn gu buil an t-saothair seo agus cuideachd carson.

Tha mi a’ toirt iomradh air pàipear eile ann – tha an earrann ud an-seo.

Pin It on Pinterest