Scratch

Le Scratch, ’s urrainn dhut na sgeulachdan, geamannan agus beòthachaidhean eadar-ghnìomhach a phrògramachadh agus is urrainn dhut na chruthaich thu a cho-roinneadh le càch sa choimhearsnachd air loidhne. Bheir Scratch air an fheadhainn òga smaoineachadh ann an dòigh chruthachail is rianail agus ionnsaichidh e dhaibh mar a dh’obraicheas iad còmhla. Seo sgilean fìor-chudromach ’nar beatha sa 21d linn.

’S e pròiseact aig buidheann Lifelong Kindergarten aig MIT Media Lab a tha ann an Scratch agus thathar ’ga sholar an-asgaidh. Ach seo dhut ceangal gu ball-eisimpleir Gàidhlig no dhà.

Cha do thog sinn cus dhealbhan – tha e fada nas fhasa tuigsinn dè nì e agus na tha ann ma bheir thu sùil air an t-susbaint air an làrach fhèin.

Gheibhear cunntas an-seo. Ma tha brabhsair Gàidhlig agad, nochdaidh an duilleag ann an Gàidhlig leis fhèin. Air neo cleachd an clàr-taice aig a’ bhonn:

scratch02

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest