Vivaldi

Nuair a chaidh Opera a reic do bhuidheann Sìneach ann an 2016, chuir seann luchd-leasachaidh Opera romhpa an “seann” Opera ath-bheòthachadh agus tha iad a’ dèanamh sin fon ainm Vivaldi. Tha e gu math coltach ri Opera agus tha e ri fhaighinn ann an Gàidhlig.

Tha e furasta gu leòr, luchdaich a-nuas e agus faighnichidh e dhìot rè an stàlaidh dè an cànan as fhearr leat:

Ach ma dh’fhairtlich sin ort, na gabh dragh. Briog air an t-suaicheantas bheag gu h-àrd agus fosgail Tools » Settings:

Tagh Gàidhlig agus dèan sàbhaladh:

Feumaidh tu Vivaldi ath-thòiseachadh ach sin agad e ann an Gàidhlig a-nis!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest