Webfeud

Seo geama a tha car coltach ri Scrabble. Cluichidh tu an aghaidh daoine eile air an lìon, a’ cur sìos faclan Gàidhlig air bòrd agus gheibh thu puingean a-rèir dè cho ainneamh ’s a tha na litrichean a chleachd thu agus dè na ceàrnagan air an do chuir thu am facal. Gu math furasta agus dùbhlanach aig an aon àm! Obraichidh seo air iomadh ùrlar, gabhaidh a chluich ann am brabhsair sam bith ach a bharrachd air sin tha aplacaidean Android, Blackberry Playbook, iPads is iPhones agus Windows Phone 7 ann!

Seo mar a dh’obraicheas e:

Tadhail air an làraich aig Webfeud is cruthaich cunntas:

webfeud03

Clàraich a-steach an uairsin is feuch New Game:

webfeud04

Tha diofar roghainnean agad a-nis. Tha roghadh is taghadh chànan agad air an taobh deas:

webfeud05

Briog air a’ bhratach Albannach airson Gàidhlig (’s urrainn dhut iomadh geama a chluich ann an iomadh cànan aig an aon àm, chan eil bacadh sam bith).

Nise, tha diofar geamannan ann, mur eil thu airson dùbhlan a thoirt do chuideigin àraidh, feuch Random Player an toiseach:

webfeud06

Lorgaidh Webfeud cuideigin dhut an uairsin a tha airson geama Gàidhlig a chluich cuideachd. Sin agad e.

Tha ceangal ris an Fhaclair Bheag o bhroinn a’ gheama. Tha seo feumail ma chuireas cuideigin facal car annasach. Cha leig thu leas ach briogadh a dhèanamh air an dealbhag bheag bhuidhe gu h-àrd sa mheadhan:

webfeud07

CÀBHA (Ceistean Àbhaisteach)

Càit a bheil an h? Agus carson nach urrainn dhomh C-I-A-L-L a chur?
Chan eil h ann. Nuair a rinn sinn an geama seo, rinn sinn beagan rannsachaidh ro làimh air tricead nan litrichean ann an Gàidhlig is rudan mar sin. Bha aon litir aig gach leacag an toiseach ach cha do dh’obraich sin idir, gu math tric bhiodh làn-chròg de h’s againn gun dad feumail eile. Dh’fheuch sinn an uairsin leacagan a dhealbhadh air an robh na litrichean a thèid còmhla ann an Gàidhlig – bh, ch, dh, fh, gh, ll, nn agus mar sin air adhart. Dh’obraich sin fìor mhath – agus tha e nas nàdarra ann an Gàidhlig co-dhiù. Sin as coireach nach eil h ann idir ’na h-aonar agus nach urrainn dhut L-L a chur, feumaidh tu LL air an aon leacag.

Chan eil tìde gu leòr agam airson geama slàn

Cha leig thu leas geama slàn a chluich san dearbh-sheisean. Tha suas ri 72 uair a thìde agad airson facal a chur.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh.

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Pin It on Pinterest